Skip to main content

‹‹‹ prev (175)

(177) next ›››

(176)
160 AN T-EILEANACH.
'S duilich learn thu bhi mu 'n chaol,
Math dh' fhaoidte air faontràigh 'us air chion,
'Us tu anil ar cruth 's 'n ar n-aogasg,
Ged iiach fhaod thu tigh'n 'n ar measg.
B' e mo luaidh-sa bean do chuailein
Fhaicinn 'dol mu 'n cuairt 's an danns,
Urlar bhord fo 'n bhròig a' diosgan,
Fuaim no fiodhla 's i 'n a deann,
'S iomadh oigear bhiodh an tòir ort,
'S iomadh og-bhean bhiodh fo phràmh,
A' ghniiis a's àillidh rinn mi fhaicinn,
Ged nach do hisadh i le gàir.
a' mhaighdean mhara.
'S ann mar 's dealraiche tha chuileag,
Is trice 'm breac a phib 'n a deigh,
Tha siol an sgadain mar an t airgiod,
'S aig a charrachan ann an speis,
'S taitneach leis a' mhuie * a leoir.
Do 'n iasg a's boidhche tha 's a' cliuan,
'S gu bheil sionnach riiadh an aonaicL,
'S mòran gaoil aig air an uan.
'N uair a chruinnicheas clann nan daoine,
An cuideachd gu aoidh 'us ceol,
Nach bi "B' fhearrleam'' agus "Dh' fhaoidte,"
A caogadh ri " Mac-gu 'm-bu-choir,"
An neach tha anns a ghlaic an tnù,
Ris an fhear th' air stiichd an siac.
* Mac-mhara.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence