Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
AN T-EILEANACH. 141
Ma 's fhior nach 'eil a shùil orm,
'S bidh stiiic air 'n uair theid e seachad,
'S cha lèir dha neach.
'S an eaglais gu sònraichte,
Di-dòmhnuich cha bhi thu modhail,
Cha suidh thu mar bu choir dhuit,
Ach tòisichidh tu air d' obair,
Cocaidh tu do mheòir,
Ris an òganach tha mu 'm choinneaml",
'S ri Màiri Nic-a'-Chombaich,
'S cho nior 's tha i as a boineid,
'S an ribein geal.
Cha 'n fhuirich thu gu h-iosal,
Ach dlridh tu ris a' chrannag,
'S tu 'g ràdh gu 'n teid cuid innte,
'S neo bhrighar na bheir iad seachad,
An àite plàsd do 'n chluan lus,
A fuar bheinn nam feadan falain,
Nach bi ac' ach fuar-lìt',
Bh' air truadhan bho chionn a fada,
'S nach f reagair ort.
'N uair ni 'n coithional sgaoileadh,
Thu daonnan a toirt an aire,
Dh' fheuch ciod e th' aig daoine,
G' a fhaochnadh a dol dachaidh,
Ciod e tha 'dol 's a' ghàradh,
'S na bàtaichenn tha mu 'n abhainn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence