Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
48 AN T-EILEANACH.
B' e mo mhian a bhi 's an àireamh,
Dè cha robh mo chàil ach fann,
Thug mi ionnsuidh 'dhol 'n an dèigh,
Ach bha ni-eigin orm air chall.
Chunna mi na h-àrmuinn shonnail
'Us òighean somalta a' danns'.
'S lionadh mi le ioghnadh obunn
Chionn nach robh mi togar ann.
Thàinig seann-duin' 's e air liathadh,
'S thuirt e le guth tiamhaidh, fann,
"Cuim' gu 'n iarradh tu 'n an comhail,
Ciiimhnich gu bheil t-oig' air chall."
'jS" uair a chi thu 'n t-ubhal boidheach
Air crann mor 's e fada 'nait,
Lannair dhealrach anns a' ghrein dheth,
A' fas air geig nam meangan uain',
Tòisichidh an streup le durachd,
Gus an Kib ioma do mheoir,
Na gabh iongantas na diumb rium,
Gad theid e 'n a smùr 'n a dhorn.
Air do shlighe gabh do sholas —
Le stuamachd bu choir dhomh 'ràdh,
'S na bi 'cumail spnir 'us diollaid
Ris an steud nach till gu bràth,
Deanadh ceartas caomh do sheoladh
Air sporan do-bheirt 's trie thig toll,
'S an uair a chruinnicheas tu do storas,
Dh' fhaoidte cu bheil t-oiir' air chall.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence