Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
26 AN T-EILEANACH.
ORAN pO'N THEATRE.
Air Fonn : — " Snd an sgeul tha taitinneach."
Composed after witnessing the pantomime of "Rob Roy" in
1881, when the leading characters portrayed were those of some
■of the best friends of the Highlands and Highlanders.
Seisd. — Teann a nail an taice rium,
Aom do chluais 's gu 'n cagair mi,
'S gu 'n innsinn dhuit gu de thug sgriob
Do 'n Theatre 's na Coivcaddens mi.
Mioruhuilean gun amharus,
Bha sgriobhte ris na ballachan,
Gu 'n robh Rob Ruadh a fhuair am bàs,
Air tigh'n an dràsd do Ghlaschu.
Gu 'n robh e beò ri fhaicinn ann, —
Bha 'bhean 's a chlann, 's a ghaisgich leis,
Le 'chlaidheamh mor air nach robh 'mheirg
'S bu mhairg a gheibheadh sgailleag dheth.
Ged 'bha òighean maiseach leis,
Cho subailt ri gad learahain iad,
Tha learn fhein gur beag an t-ioghnadh —
Cha robh annt' ach faileasan.
Ged bha sròl gun ghoinn' oirre,
Le geiltreadh òir 'us lannair dheth,
Gur e sud aogasg nam ban-sith,
A reir 's mar dh' inns' ar sean-athair dhuinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence