Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
AN T-EILEANACH.
'S leis a' ghleadhraich a bha 'n sud
Gu 'n chur iad mis' air ainilireit.
Theab an solus ud mu dhalladh,
A bha deàrrsadh as na sparan,
Chaidh mi null 'us rinn mi fharraid
Am b' e ghealach Glial Id' e !
Righ ! gur mise bha 'n am chàs
Ag iarraidh air gach taobh do 'n t-sràid,
Mu 'n d' fhuair mi niach far 'n robh mu chàirdean
Gabhail tàmh 'san "Trongate."
'Nuair a fhuair mi 'n àite-còmhnuidh,
Dhèirich m' inntinn suas le solas,
Na bha chairdean 'sdo luchd-còlais
Còmhla riu aig dram ann.
Bha Calum 'us Eachann Mac Ghuair' ann,
Clann Iain mhaoil ;i Tòr-na-h-uamha
Dùghall ban a Lag-nan-sguab,
'Us Pàruig Ruadh Mac Amlaidh.
Dh ol mi slàinte tìr an tighe,
'N uair a lion e 'n t-slige-chreachainn,
Cuimhneachan bh 'aig air a' sheanair
'Bh' ann an Glaic-na-Samhna.
'8 iad na h-orain bha 'n 's a' chomunn, —
"Chabhraich a bha'n tigh a'ghobhainii."
''Sud mar bliuilich mi'n t-each-odhar,"
'Sam "BogeUse Landi/."*
*An old port-a-lial or dance tune.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence