Skip to main content

‹‹‹ prev (300)

(302) next ›››

(301)
1830.
Achmhasan an Amadain:
285
Tha fear-dùthcli' iriosal a' mealt-
uinn slalnte cuirp, agus tha sàr-
chothrom aig air amharc air slaint'
anama neo bhàsmhoir ; oir cha n-
'eil cho lion buaireadh fa chomh-
air, gu thoirt a thaoibh o' shlighe
cheartais 's a tha aig iomadh
neach eile tha caitheamh beatha
ni 's greadhnaich.
Do ''u. Teachdaire Ghaelach )
O' ann aa Sgoil V
T' re S
IAIN AGUS SIXE.
Bha lain sloighteil agus Sine
bhuaireasach a bhean, air la àr-
aidh a' siubhal ri taobh aibhne,
agus thòisich iad ri trod mar a b'
àbhuist. 'An ceann gach tiota
theireadh Sine ri lain, an Slaod-
aire leibideach. Bha lain air a
bhrosnachadh chum na h-uiread
fheirg, leis na focail thàireil so air
an labhairt co trie 's gun do thilg
6 Sine thar a bhruaich, ann am
meadhon an t-srutha. Rinn Sine
bhochd a dicheall gu tir a thoirt
a mach mar dheanadh gach neach
eile'nah-àite, Ach cha bu luaithe
a ghreimicheadh i air slataig
sheilich a bha fas ri taobh na h-
aibhne, na ghlaodhadh i mach le
àirdecIaiginn"Feuch riut aShlaod-
aire leibidich !" Mata ars lain,
is e 'gearradh na slataig le sgith-
inn, o leig mi gach ni eile leaf,
leigidh mi sin leat cuideachd.
Leis na h-uile rud a bh'ann
bhàthadh Sine. Air an la a'
màireach thòisich a càirdean ri
feuchainn arson a chuirp sios o'n
àite anns an do thuit i; ach thòis-
ich lain ri feuchainn suas o'n àite
sin. Is cinnteach gu bheil thu
air boile, arsa neach eiginn ris,
ma tha dùil agad gum faigh thu'n
corp an rathad sin. Mata ars
lain, an uair a bha mo bhean beo
bha i dol co fad an aghaidh tuig-
se nàduir, 's nach biodh bonn
iongantais orm air dhi a bhi marbh,
ged a rachadh i co fada an
aghaidh an t-srutha.
D. F.
ACHMHASAN AN AMADAIN.
Bha duin-uasal mor araidh ann a
bha 'gleidheadh amadain, d'an d'
thug e aon lath bata, le ordugh
teann a ghleidheadh, gus an tach-
aireadh e ri amadan bu mho na e
fein. Beagan bhliadhnachan an
deigh sin, dh'fhàs an duin-uasal
tinn, eadhon chum bàis. Thain-
ig an t-amadan g'a amharc : thuirt
a thighearna eu-slan ris, " 'S eig-
in domhsa 'n ùine ghoirid d'fhàg-
ail." " 'S c'ait tha thu dol," arsa
'n t-amadan. " Do shaoghal
eile " fhreagair a Mhorachd.
" Agus c'uin a thig thu a ris ?"
" Ann ammios thim?" "Cha tig."
" An taobh a stigh do bhliadhna?"
*' Cha tig." " Cuin mata .-' •'
" Cha tig gu bràth." " Gu bràth
nach tig !" arsa 'n t-amadan;
" agus ciod an t-ullachadh a rinn
thu airson goireis dhuit fein 's an
aite sin d'am bheil thu dol ?''
" Cha d'rinn ullachadh idir." —
" Nach d' rinn ! arsa 'n t-amadan,
" nach d' rinn ullachadh idir !"
" So, mata gabh mo bhata; oir, le
m'uir amaideachd-sa cha'n'eil mi
ciontach de amaideachd 's am
bith cosmhuil ri sin."
Ead. le Cuachanach.
Sitheiuy 1830.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence