Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
Saor-Thoileach
mhàin gur comh-laitheachd iad. Ach 'sann am
bosd agus cha'n'ann an saorsa a bheir iad barrachd
oirnne. Tha fòirneart ann an riaghladh pobuill a
cheart cho cinnteach 's a tha e fo shaor-riaghladh
Righ. Tha e uairean a cheart cho cunnartach
eadar-dhealachadh ann am beachd bho na mhòir-
chuid 'sa' chomh-fhlaitheachd ri diùltadh geilleadh
dh'àithne aintighearna rioghail. Maille ruinne
tha saorsa araon bho ainneart a' mhoran agus
fòirneart a' bheagan. Tha an duine saoibhir a
cheart cho cunntasach d'an lagh ris an duine
bhochd. Cha'n amhuil sin an diithchanan eile a
tha a' deanamh bosd a saorsa is coimhionnanachd.
Faodar a?! si/i an luchd riaghlaidh agus am
breitheamhnan a thoirt a thaobh le duais, agus
am fabhar a cheannach. Cha thachair sin an so.
Gidheadh thafhathast tuilleadh'sa' choir a chothrom
air a cheadachadh an taobh a steach chearcaill an
lagha do mhuinntir shaoibhir fòirneart a dheanamh
air a' mhuinntir bhochd, eadhon 'n ar tir. Ach
tha an t-àm air dol seachad anns am biodh
cleachdadh uile chomais an lagha air a' ghiulan
gu sàmhach. Bu ghHc dhaibhsan aig a bheil an
cumhachd nach do chleachd iad e gu dochannach.
Ann a bhi dol cho fada agus a cheadaicheas an
la2;h dhaibh, a thagar a còirichean as^us a thoirt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence