Skip to main content

‹‹‹ prev (183)

(185) next ›››

(184)
182 AIR lOMADH PTTING DIADHACHU.
bith ad' ionnsuidh anns an là mhòr sin. Mar sin, anns
a cheud aite, suidhichidh mi am bunait dhuibh, air am
feud sibh a chuid eile gu leir do'r giulan Chriosduigh a
thogail, agus a deigh sin tha rùn orm a leigeil fhaicinn
duibh an rathad sonruichte, anns am bu choir do gach
neach agaibh, aig am bheil iarrtais a dli'ionnsuidh na
rioghachd sin, a bhi ag imeachd ann an lathair an Tigh-
eam' bhur Dia.
Mar air son a cheud nì. Thagh mi an t-aite so de'ii
a Scrioptuir gu 'ur seoladh. 'Nis, a chum 's gu'n tuig
«ibh ciall a chaibidil so uile, mar a ta e air a chuir sioa
leis an Abstol, 's ann a chum na dream a dh'ionnsuidh
ara bheil e a' sgriobhadh earalachadh, air son gu'n treìg-
eadh iad pcacadh, agus gu'n leanadh iad creideamh ; mar
a ta e agaibh ann an tos an ath chaibidil, far am bheil e
ag radh, ' Uime sia, air dhuinne bhi air ar cuairteach-
adli le neul cho mòr de fhianuisibh, cuireamaid dh'ina
gach leth-trom, agus am peacadh a ta gu furas ag ìadh-
adh umainn, agus ruitheamaid le foighidin an rèis &
chuircadh romhainn, ag amharc air losa, ceannard agus
fear criochnaich ar creitlimh, neach air son an aoibhneis
a chuireadh roimhe, a dh'fhuiling an crann-cèusaidh, a'
cuir na naire ann an neo-shuim, agus a shuidh air deas
righ-chaitlireach Dhe.' 'Nis, se'n argumaid a tha o
gabhail gu'n gluasad a chum so, creideamh. Sc creid-
eamh an. tiodhlac a's luachmhoire a thug Dia riamh do
dhuine no do bhean, no do Mhic chailte Adhaimh ; is e
a ghibht a's ro hiachmhoire a bhuilich Dia riamh air
peacach ; oir de na h-uile tiodlac a tha Dia a' tabhairt,
cha'n 'eil a h-aon ann an coimeas ri tiodhlaic a chreid-
imh. Uime sin bu choir an tiodhlac a's ro-luachmhoire
a bhi ni's ro-mho air a leantuinn ; agus a chum luach-
mhoireachd a chreidimh a dhearbhadh, air tus, tha e ^^
comhrachadh a mach tri buaidhean a th'aig a chreid-
camh, agus nithe nach 'eil aig tiodhlaic sam bith 'eile bho,
Dhia a leithid. 'Se ceud bhuaidh a chreidimh, ' Brigh
na'n nithe ri'm bheil dochas, agus dearbh-chinnte na'n
DÌthe nach faicear ;' se sin, 'surrainn e a thabhairt aix,
nithe a bhi ann, uach 'eil fathasd air teachd, agus 'surr-
ainn e thoirt air nithe nach *eil air am faicsinn, a bhi air
am faicsinn le inntinn an duine, nach faca an t-suil
Tiarah, agus nach cuala a chluais riamh, agus nach b'urr-
aiua cridhe duine gu brath a thuigsùm ; mar sin, <:h»'^

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence