Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
102 C03IHRAG A CHRIOSDUIDH.
agaibh-se, agiis air an aobhar sin, tha sibh n'ur luidhe
inarbh, tha sibh air 'ur treorachadh fuidh dhoiUe le
prionns' an dorchadais, tha e 'g'ur cumail ceangailt* gu
teann le slàbhruidhean an dorchadais, air doigh 's nach
urra dhuibh aon-chuid lamh no cos a ghluasud, oir is
e-sau an duine laidir a tha cumail a sheilbh fein ann an
sìth, gus an d'thig neach eile is treise na e agus gu'm
bual e mach e. Àch tha mi 'g ar fagail-se, agus a' labh-
airt ri cLann taghta Dhe a tha air an gairm. Tha
agaibh-se saoibhreas agus taitneasan an t-saoghaìl so
air an cuir ann bhur rathad, a chum bhur bacadh 'o
saoibhreas do-rannsaichte sin Chriosd a tha de ghloir
shiorrudh fhaotainn ; tha agaibh mar an ceudna geata
cumhung gu a dhol a steach air, ach cha 'ne a mhain
sin, (agus gu cinnteach bhipdh so fein laidir gu leoir air
bhur son) ach tha agaibh ri gleachd a dheanamh ri
cumhachdaibh laidir agus naimde an-iochdmhoir, agus
ri diabhuilibh ann am feoil, nach urrainn a bhi toilichte
le na's lugha no eas-onoir Dhia agus damnadh siorruidh
bhur n-anama fein; (na bithibh 'n'ur codal) tha e eadhon
a nis fein ann an so 'n'ur measg, ag amharc a dh'fheuch-
ainn an urrainn e bhur luasgadh 'n'ur codal, agus an
dean e bhur cluasan tròm air chor 's nach cluinn sibh
an f hirinn so ; oir tha e an dùil 'nuair a gheibh e sin,
gu'n d'fhuair e deagh chothrom, an uair le amharc, nach
faic sibh, agus le eisdeachd nach cluinn sibh, agus 'nuair
a tha bhur cridheachan air an cruadhachadh air dhoigh 's
nach urrainn dhuibh tuigsinn, cha'n 'eil e ag iarraidh
tuille ma ta, ach bhur cluasan a dhruideadh a chum nach
faigh bhur n-anama feum de'n fhocal so, a ni is e cumh-
achd Dhia chum slainte. Gu'n d'thugadh an Tigheaan
dhuit gràs, oir bithidh e ro ghoirt air do shon 'nuair a
bhuadhaicheas esan ort ; oir ann an sin their e, 's niaith
a thoill thu a bhi air do dhamnadh, oir bha sabhaladh
air a thairgse dhuit, ach cha b'aill leat a ghabhail : cha
robh e riamh air a thairgse dhomhsa, uime sin cha b'urra
mi fhaotainn, dh'eisd thu riumsa, ach cha'n eisdeadh
tu ri guth Chriosd, uime sin cha'n eisd esan riutsa 'nis.
Bithidh e ro ghoirt air do shon thu bhi air do chuir air
taobh stigh geataibh na h-ifrinn, agus gun fhaotainn a
mach gu siorruidh tuille ; bithidh e ro ghoirt air bhur
»on am murtair, agus an cù fuilteach sin a bhi agaibh
gu 'ur sathadh troimh na chridhe le lasraichean an teine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence