Skip to main content

‹‹‹ prev (83)

(85) next ›››

(84)
80 COMHRAG A cnRIOSDUIDH.
t-soisgeil, agus cuiribh iad raar bhrògan air bhur casan,
a chum 's nach d' thoir taitneasan na beatha so oirbh
suidh sios, no 'ur bacadh ann bhur rèis, agus a chum 's
gu 'm bi sibh comasach air leiim thairis air gach uile
chreagan agus chip-thuisUdh a bhios air a chuir ann
bhur rathad ; a reisd, thar gach uile nì, gabhaibh d' ar
n-ionnsuidh sgiath a chreidimh, agus an aghaidh uile
bhuairidhean an diabhul cum do ghna Criosd ; oir mar
jiach robh e comasach air buaidh fhaotainn air-san anns
un f hasach, cha niho a bliitheas e comasach air buaidli
fhaotainn orra-san a ta ann an Criosd ; agus ma bhios a
h-aon dhibh air 'ur leonadh troimh amaideachd neo-
chaithris, agus dith-faicill duibh fein, gabhaibh an fhuil
sin agus comh-cliuiribh ri 'ur lotan i, oir is urrainn i an
h'igheas, agus is urrainn i '' uile shaighdean teinnteach
an droch spioraid a mhuchadh," 'seadh, inur urrainn thu
a faotuinn mar a tha thu an dìiil, agus mur dana leat do
himhan salach a chuir oirre, gidheadh seall suas ris an
fhuil sin le sùil a chreidimh agus leighisidh si gath do
choguis, mar a rinn iadsan nach d' rinn ach sealHainn ris
an nathair umha, a bha na samhladh air Criosd, bha iad
air an leigheas 'o lot na 'n nathraichein teinnteich anns
an fhasach. Aireamh xxi. 8, 9. Ann an sin gabh
clogaid na slainte, gabh dòchas nach teid thu gu brkth a
mugha ; dochas gu 'n lean thu gus a chrich ; dochas gu
'm bksaich thu anns an Tighearn ; dochas gu 'ra bi
t-anam air a ghiuLin gu uchd Chriosd, agus gu 'm bi
do chorp air a ghleidheadh anns an uaigh a dh'ionnsuidh
a bhreitheanais dheireanach ; dochas gu 'n eirich thu a
rìs, agus gu 'ra bi t-anam agus do chorp air an aonadh
a ris r'a cheile, agus gu 'm bi do chorp air a chumadh
agus air a dheanamh cosmhail ri corp glormhoir Chriosd ;
dochas gu 'n suidh thu air caithir maille ri Chriosd a
chum breith a thabhairt air dà-threubh-dheug Israeil ;
agus dochas gu 'm faigh thu crùn de' ghloir shiorruidh.
An deigh sin b'e a phuing mu-dheireadh, " (Jabh focal
De," claidheamh rùisgte sin an Spioraid, a dh'ionnsuidh
do lamh, agus do ghna, 'n uair a bheir an namhaid
ionnsuidh ort, biodh agad am focal do ghna ullamlt,
a chum leis gu 'n toir thu dha buille air ais. Nis, gu'n
deonaicheadh Dia gu 'm b' urra dhuibh toilinntinn a
ghabhail gu leughadh, gu labhairt, agus gu beachd-
suiuaiii.eacbadh a là agus a dh'oiche air an fhocal siu,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence