Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
■ 72 COMHRAG A CHBIOSDUIDK.
ann a mheud-sa nia dh'fheudas am Mac a bhi aira
dhiteadh, cho luath is sin a dh'fheudas tusa bhi air do
dhiteadh ; agus am bheil e so-dheanta gu 'n tig an Tigh-
eam 'o neamh a bhasachadh a rls, cho luath is sin^ ma
ta, a dh'flieudas tusa a bhi air do dhamnadh. 'Seadh,
tha mi ag radh riut, mus biodh tu air do dhamnadh, bu
raoghnaich leis an Tighearn a theachd agus bàsachadh a
ris ; 'nì a tha do-dlieanta.
'Nis, ciod e dòclias ? Cinnteachd àraidh aig èiridh
'o do chridhe ; air a steidheachadh a mhain air gri^
Dhe, gu 'm bi uile gheallaidhean a throcair ann an
Criosd, air a coimhHonadh annad-sa, agus gu 'm bi
uile bhreitheanasan Dhe air an coimhlionadh air do
chuid-sa agus air a chuid-sa naimlide ; mar sin, raa ta,
a cliuju gabhail clogaid na slainte so, cha 'n 'eil tuille
agad r'a dheanamh ach amharc a dh'ionnsuidh do chridhe,
agus a thoirt a mach agus a chaitheanih, ith agus òl,
dùisg agus coidil, èisd ngus dean umuigh, agus dean na
h-uile nithe a ni thu mar dhuine a tha' feitheamh gach
la air son teachd an Tigheam, mar dhuine tha do ghna
ag amharc c'uin a bhitheas na neamha air an rèubadh,
agus a thig an Tigheam anns na ueulaibh a thabhairt
breith air an talamh uile ; mar dhuiue tha do ghnath a'
cuir a mach a cheann a' sealltainn air son la na slainte ;
mar so cuir umad dochas agus cha tuit thu gu brath air
falbh 'o losa ; cuir mnad dochas, agu« cha bhi thu as-
eugmhais an spiorad ; cuir umad dòchas agus saltraichidh
tu satan fuidh do chosaii ; ouir umad dòchas, agus cha
bhi thu gu brath air do chuir gu nair.
'Nis, 'se 'n seathafiuh mìr de 'n armachd so, " Glac-
aibh claidheamh an, Spioraid, a ni is e focal De." Tha
aig a chlaidheamh so da-fhaobhar, leis an dara h-aon
ciurraidh e, agus leisan aon eile marbhaidh se. Tha 'n
claidhpamh so cho gèur, agus gur urrainn e an smear
cadar-sgarradh bho Jia cnamhan. 'S iongantach curah-
achd a chlaidhe so. 2 Coriut. x. 4. 'S urrainn e uachd-
aranachdan agus cumhachdan a bhualadh sios, agus na
h-uile dhaighneachd-laidir, agus na h-uile ni a tha air
;u-dacliadh ann an aghaidh fior eolas De ; agus 's urrainn
e gach smùain a thabhairt ann am braighdeanas a chum
ùmhhichd Chriosd ; agus tha dioghaltas Dhia aig ann an
ullachadh an aghaidh gach uile eus-umhlachd. Tha
claidheamh so an fhocail comasach air do dhion ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence