Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
36 COMHRAG A CHROSDUIDH.
sin e, do'n alnm san Eabhra, Abadon, agus anns a
Ghreigis, Apolion, se sin, fear-millidh, oir tha e a' miU-
eadh na h-uile ge b'e ait' gus an tig e, agus am faigh e
an lamh-an-uachdar : agus se an t-aingeal sin na sluichd
gun lochdar e, a thug a mach no locuist sin uile tha air
an iomraidh ann an leabhar an Taisbeanaidh, ix. caib.
Agus 's e-sxn a tha 'stiuradh na h-armailt mhoir sin
do fhichead mile uair deich mìle, a ruith tre'n t-saoghal
uile, agus a mhill a luchd aiteachaidh agus iadsan a bha
a chomhnuidh ann. ThuiIIeadh air na daoine aingidh
so, tha aige saoibhreas, gloir agus toil-inntinn an t-saogh-
ail so, gu gnothach a dheanamh leò mar bhiathan, a
chum tarruing air a dhubhan, a mhuinntir aineolach agus
shimplidh ; tha aige mar an ceudna, croisean agus triob-
laidean an t-saoghail, chum feum a dheanamh dhiubh
mar bhioraibh agus mar dhrisibh a chum ar bacadh ann
ar turas a chum neamh ; agus uime sin, tha e aig cuid
do dh'uairibh a toirt ionnsuidh ort air an lamh dheas,
agus aig amaibh eile air an lamh chlith ; aig cuid
do' amaibh bheir e daoine agus mnathan suas gu
mullach beinn, agus nochdaidh e dhoibh gloir agus
saoibhreas an t-saoghail so ; agus mar a th'airg se iad do
Chriosd, mar sin 's urrainn e'n tairgse dhuitse, ma ni thu
seirbhis da, Mata. iv. 6. 'S urrainn e puinsean a shin-
eadh 'an cupan òr, a chum 's gun òl thu dheth, agus gu'm
basaich thu gu siorruidh ; agus 's urrainn e ùbhlan òr a
chuir ann do shlighe, agus a thoirt orra iomain romhad,
a dh'fheuchainn a'm pill thu air t-ais air do thuras, agus
an treig thu do shlighe ; no, an suidh thu sios air an
t-shlighe, a chum 's gu'n caill thu neamh agus do chrùn
agus ann an so bhuadhaich e gu h-iongantach air moran,
agus thug so air earbull ruigheachd suas gu neamh, agus
reultan a thabhairt a nuas 'o neamh, agus an tilgeadh a
chum na talmhainn. Thairg e do Dhemas Saoibhreas
an t-saoghail, agus roghnaich e'n saoghal a ta lathair,
agus ghabh e ann a ghlacaibh e, 2 Tim. iv. 10. Cia as
a shaoileas sibh a thainig ludas gu bhi na fliear brath-
aidh ? thainig e o'n airgiod a bha air a thairgsinn dà 'o
na Sagairtean, na Sgriobhaichean, agus 'o na Phairaisich ;
ghabh esan e, agus chuir e suas ann a sporan e. Mar sin,
sànnt agus gionach an t-saoghail so, a chuir an diabhul
ann an cridhe ludais, thug e air gu'n do bhrath e Criosd.
Se so aon doigh air an cleachdach leis a bhi faotainn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence