Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
COMHRAG A CHRIOSDUIDH.
SEARMOIN XIII.
AIR COMHRAG A CHRIOSDUIDH.
Ephks, VI. 10. Fa' dheoidh, mo bhraithrc, bithibh laidir san
Tighearn, agus aua an neart a chumhachd-san.
, Tha àm bhur beatha na chogadh agus na ghni
ghleachd, agus 'se so àm a chath, ach an deigh sin bith-
idh àm caitheamh a chrùin. Thusa a chogas gu laghail
ann an so, gheibh thu an crùn an deigh so ; agus mur
cog thu an so, cha'n fhaigh thu gu brath crùn an deigh
so ; esan a chogas agus a bheir buaidh ann an so, gheibh
e Rioghachd Shiorruidh an deigh so ; cha d'theid a
h-aon gu siorruidh a steach a dh'ionnsuidh na rioghachd
sin, ach an leithid 'sa dh'f heudas a ra', mar a thabhairt
an t- Abstol, " Chomhraig mi an deadh chomrag, chrioch-
uaich mi mo thuras, ghleidh mi an creideamh," air an
tug an diabhul iomadh uair ionnsuidh air mo chreach
dheth ; " Chriochnaich mi mo thuras," " A ruith mi do
ghnath a dh'ionnsuidh na criche, agus uaith so a mach
tha crùn gloir air a thasgaidh suas dhomh." Oir an nuair
a tha sibh a' faotuinn a bhais (mar gheibh sibh uile bas ;
oir cha'n 'eil a h-aon agaibh nach 'eil a' giulain a bhais
nm'n cuairt maille ribh ; agus tha e mhain aithnichte
do'n Tighearn c'uin a gheibh sibh bas). Tha mi ag radh,
'nuair a tha sibh a' basachadh, mar fèud sibh a radh ann
an ni-eigin do fhirinn agus do threihhdhireas cridhe,
agus le deadh choguis, " Chuir mi mo chath, ghleidh
mi mo chreidimh, agus ruith mi mo rèis ;" as eugmhais
gur urradh dhuibh so a radh, cha dana leibh a radh ni a
tha air a chùl, cha dàna leat a radh, " gu'm bheil crìin
gloir air a thasgaidh suas air do shon-sa ; ach tha mi a'
fagail so. Air son bhur n-ullachadh a chum a chath,
dh'innis mi dhmbh dà ni fheumail air bhur son.
AiR Tus, feumaidh sibh eolas fhaotuinn air staid agus
gnèth bhur naimhde, ni as eugmhais nach cuir sibh gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence