Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28 COMHRAG A CHRIOSDUDIH.
gu'm bheil e na fliear dìtidh, ach mar an ceudna n-s
Fhear-tùaileis, na fhear casaid-bhrèug, na fhear cùl-
chainidh; oir se sin is ciall do'n ainm sin Diabolus,
Fear-tùaileis; labhraidh e gu h-olc 'nuair nach 'eil coslach
uilc ann, niar a thubhairt e mu lob, i. 9, 10. " An
ann an nasgaidh a tha eagal Dhe air lob ? Nach do
chuir thu gàradh mu'n cuairt d'a air gach taobh," air
doigh 's nach uiTa' mi faighinn am fagus dà : " Ach sin
a mach do lamh, agus bean ri a mhaoin, agus ris na
h-uile ni ta aig, agus leig dhomh a thabhairt ùaith,"
feuch an sin mar mallaich e thu san aodann'. Ach O am
breugair meallta, nach ro' so na thuaileis 'eagalach, mar a
bha e air a dhearbhadh anns a chrioch ! San aite mu
dheireadh, tha e air a ghairm Maoir, oir tha e air
ghairm maoir priosan an Tighearna, ullamh aig àithne
Dhè, gu'n gabhail agus an ceangal eadar lamhan agus
chasan, do reir ordugh Dhe, agus an tilgcadh a dh'ionn-
suidh dorchadas iomallach ; uime sin bha e air radb,
gu'n robh droch spiorad air a chuir gu Saul a chum a
phianadh. 1 Sam. xvi, 14. Mar so se'n dearbh namh-
aid e air a chuir 'o Dhia gu a chorruich a chuir an gniomh,
oir cha d'fhag e Saul 'o 'n àm sin tuiUidh gus an d' thug e
air laimh a chuir na bheatha fein.
'Nis, ciod am feum bu choir dhuibhse a dheanamh detli
na nithe so uile a bha air an labhairt mu'n eascaraid so ?
Nach bu choir dhuibh a bhi air bhur faiciU uaithe ? An
cuir sibh bhur n-anama ann an cunnart air ? An saoil
sibh am bheil e na ùan macanta ? Am bi trùas sam bith
aige riut ? Cha bhi ; mar as beo an Tigheama, cha
chaomhain e thu, oir cha'n 'eil uile bheathaichean oillteil
na talmhainn comasach air a nadur an-iochdmhor a
shamhlachadh a niach ; air an aobhar sin tha e air a
choiraeas ri mathghamhainn, ri leomhan, ri madadh-
alluidh, ri dragon, agus ris an lebhiatan chumhachdach
sin. Nis, their sibhsc, tha fios againn gu bheil e mar
sin, mar a tha tliu ag radh ; ach cia mar a ni sinn ris,
agus cia mar gheibh sinn buàidh air, tha e na namhaid
co laidir ? Innseam dhuibh, cha'n 'eil doigh air buaidh
f haotuinn air ach le cuir na aghaidh. " Cuiribhse 'an
aghaidh an diabhuil, (deir an t-Abstol Seumas) agus
teichidh e uaibh." Cuiribhse na aghaidh ma ta, agus
gleachdaibh, agus seasaibh na aghaidh, agus na bithibh
gu brath tuillidh aig sìth ris; ach cuiribh an rùn so

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence