Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26 COMHRAG A CHRIOSDCIDH.
feumall dhuinn eolas fhaotuinn air an gamhlas, an
seoltachd, an cumhachd, agus an luchd cuideachaidh,
cha chuireadh an Tigheama riamh suas iad ann a
thiomhnadh.
Mar so air tus, feumaidh tu eolas fhaotuinn air an
gamhlas. 'San Dara Aitk, feuraaidh tu eolas fhaotainn
air an cumhachd. 'San Treas Aite, air an seoltachd.
'Sa CnEATURAMH AiTE, feumaidh tu eolas fhaotainn air
aa armailt agus an luchd cuideachaidh.
AiR Tus — A thaobh an gamhlas ; cha'n urrar a chuir an
cèill na 's leòir ; tha iad do ghna na'n naimhde gamhlas-
ach do gliloir Dhia, agus do shlainte an duine ; tha e na
bhreugair mu Dhia d'a 'phobull ; agus tha e na bhreugair
mu Dhia da na h-aingidh mar an ceudna ; tha e na mhurt-
air, agus cha'n urrainn a bheag 's am bith a rùn ghamhlas-
acli a shasachadh, ach gloir Dhè a shaltairt fuidh chos-
aibh, agus damnadh siorruidh 'anama gach uile dhaoine
agus mhnai. Tha e na bhreugair agus na mhortair bho'n
tùs; mar sin tha a ghamhlas sean, oir cha'n ann an dè no'n
diugh a thoisich a ghamhlas ; ach thoisich e air a bhi
gamhlasach co luadh 's a rinneadh an diiine.
Tha e air a ghairm Satan, 'se sin, èas-cairid no namh-
aid ; oir tha e na Hamhaid do Dhia, agus na namhaid
dhuinne, oir cha'n 'eil tairt air, air son a bheag sam bith
a<"h air son eas-onoir Dhe, agus sgrios anman-na bochd
dhaoine agus mhnai ; agus cha'n urrainn a bheag s'am
bith a thart a chasgadh ach crùn Chriosd a spionadh
deth a cheann, agus doirteadh a mach fuil anman-na
dhaoine agus mhnai, agus an tilgeadh a dh'ionnsuidh
teine siorruidh na h-ifrinn, a chum 's gu'm bi iad air an
losgadh gu siorruidh ; air son an aobhar so, ghairm e air
an droch àon sin a tha teachd agus a spionadh air falbh
siol focal Dhe, a tha air a chuir ann an cridheachan
dhaoine agus mhnai, a chum 's nach faigh iad cead a
thuigsinn, agus nach faigh e cead freumh a ghabhail, a
chum 's gu fasadh e agus gu'n d'thugadh e mach toradh
a chum foirfeachd. Mata xiii 19.
Agus cia mheud agaibhse tha creìdsinn so, 'nuair a
tha 'm focal so air a chuir ann ar measg, gur e an dia-
bhul a tha teachd, agus a tha ga spionadh a mach as
bhur cridheachan.
A ris, tha e air ghairm an duine farmadach, a tha
cuir a chogail ann am measg an deadh shìl, gu a bhac

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence