Skip to main content

‹‹‹ prev (408)

(410) next ›››

(409)
AILEAN DALL.
331
Mo Llioid gu gnimail thoirt a'n Eala,
Dh' fheuch an lean niò chliù rium ;
Cha teid deur a staigh fo m' dhcudaich,
'S feudar tigh'n as iùnais ;
Cha 'n fhaigh fear falamh seol air aran
Ach le fallas gnuise.
Labhair Raonull — " Na biodh sprochd
'S Uieid mi nochd air t-ionnsuidh, [ort,
Gleidhidh mi dhut bean a's tochradh,
Cho coltach 's tha 's dùthaich ;
Ge do bhiodh tu gann de stoc,
Na faicear bochd do ghiulan ;
'S c'arson nach glaodhamaid a'r bolul
Ann an toiseach cùmhnant ?"
SMEORACH CHLOINN-DUGHAILL,
LUINNEAG.
Ho-i, rl na, ho-ro, hù-o,
Ho-lib ho-i na, i-ri, i\-o ;
'S smeorach mise le Cloinn-Dùghaill
A seinn citiil, an dluths' gach geige.
Cha dean mi bron an cos falaich,
Tha seileir mo loin gun ainnis ;
Gheibh gach seòrsa seol air aran,
'S cha churam dhomhsa 'bhi falamh.
Ho-i, ri na, etc.
Nuair a dh'eireas grian an earraich,
Diridh an ianlaith 's na crannaibh ;
Tha 'm beatha-san diant' air thalamh
Bho 'n laimh gus am bial, 's i ro mhath.
Ho-i, ri na, etc.
Gur a mise a smeorach ghleannach,
Sheinninn ceol air bhàrr gach meangain ;
Ribheid ùr an siunnsair fallain,
'S math mo chàil, gun sàs air m' anail.
Ho-i, ri na, etc.
Madainn cheitein, 'n am dhomhdùsgadh,
'Seinn gu h-eibhinn, eutrom, siubhlach ;
Dealt nan speur air gheugan cùraidh,
Grian ag eiridh, 's feur a' bruchdadh.
Ho-i, ri na, etc.
Ghineadh mi's an tir nach coimheach,
'S chaisginn m' iotadh le Ijrigh Chomhainn:
Tobar ioc-shlainte nach reodhadh,
'G eiridh 'nios bho 'n dilinn dhomhain.
Ho-i, ri na, etc.
Ail taobh greine, gleann mo chridhe.
Far an robh eibhneas mo dhibhe ;
Ge do bhiodh an t-eug a tighinn,
Bheireadh slainnt' do'm chreubhsa
Ho-i, ri na, etc. [rithist
'S an tir aigh do 'n gnà 'bhi cridheil,
Chaidh m' àrach gun fhaillinn bidhe,
Air nead sàbhailte gun snithe ;
S gheibhinn l)laths' air sga Chloinn
Ho-i, ri na, etc. [Iain.
Tha mi nise measg Chlonn-Cham'roin,
Cinneadh mòr bha 'n seòrs ud ainmeil ;
'N cath 's an comhail, seòlta, calma ;
'Dol gu còmhrag, stroiceach, marbh-
Ho-i, ri na, etc. [tach.
'S piudhar mi do 'n chuthaig shamhraidh,
Le 'm dheoin cha teid mi gu Galltàchd ;
Bho 'n is i Ghàèlig is cainnt domh,
'Measg mo chàirdean talar ann mi,
Ho-i, ri na, etc.
Nuair theid fianlach feadh na coille,
Cruinnichidh, ianlaith gach doire ;
Thig gach ian gu nead le cc/illeig
Sràbh ga shniomh am bial gach coilich.
Ho-i, ri na, etc.
'S ionnan sid 's mar dh'eireas domhsa ;
Ma phiocas each mi le dòruinn,
Falbhaidh mis' "an riochd na smeò-
raich,"
'S theid mi 'm ghearan far an cor
Ho-i, ri na, etc. [dhomh.
Gu Dim nan Cliar thriallainn dàna,
'Dhol fo sgiathaibh nan triath stàtail ;
Ged nach eil Eoin Ciar a lathair,
'S maireann am fear Hath a's Pàdruig.
Ho-i, ri na, etc.
Dùn-olla nan tùireid arda.
Nam fear fuileach, builleach, stràcach,
'Sheasadh duineil luchd an cairdeis,
Choisneadh urram ri uchd namhaid.
Ho-i, ri na, ete.
'S smeorach mi bho chaisteal uaibhreach,
Nan steud priseil, rioghail, suairce,
Dream gun spid, bha 'n sinnsir uasal,
Bu mhor pris ri linn Raon-Ruairidh.
Ho-i, ri na, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence