Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
Ròs O Sharon
air, ach cha dean sin a chaoidh lili de 'n
droigheann ; mar an ceudna feudaidh tu muinntir
a' sgitheachadh le ùrnuighean 's le searmoin-
ean, feudaidh tu òirdheirceas subhailce, agus
uamhasan an lagha agus geallaidhean priseil an
t-soisgeil a chur ri an aghaidh, ach cha 'n 'eil
annta-san ach peacaich neo-iompaichte — droigh-
eann. Ach thoir fainear briathran an t-Slànuighir
ag radh A Ghradh ris an lili, a tha e faicinn
ann am measg an droighnich. Tha a shùil air
a shluagh ann am measg an t-saoghail aingidh
agus thruaillidh, ge b' e air bith a their daoine
mu 'n timchioll.
2. Tha an lili air son a' ghàraidh, ach 's e
crioch an droighnich a losgadh. Tha sluagh Dhè
anns an t-saoghal mar an lili ann am fasaich
dhris agus dhroighnich, ach bithidh iad air an
atharrachadh gu bhi air a' suidheachadh ann am
Pàras shuas. Mheud 'sa tha na lilidhean 'san
t-saoghal so bithidh iad air a suidheachadh ann
a' gàradh Dhè, far am bidh iad fuidh ghathan
grian na fireantachd, agus làn chothrom aca air
am blàthan a' sgaoileadh a mach. Cha chuir an
droigheann ni 's fhaide bacadh air am fàs, oir
loisgear le teine e. Ann am freasdal glic Dhè,
a reir a ruin iongantaich agus dhiomhair, tha
ii

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence