Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
SEOLAN-MAKA. 55
aidean a' siubhal mu'n cuairt, ach bheir thu faiuear
feuraaidh i dol tuille agus aon char mu'n cuairt na
h-aghaidh mu'm bheil iad còmhlath a rìs ; oir anns an
ìiine a tha ise 'dol timchioll na cuairt, tha lamh nan
uairean air gluasad air a h-aghaidh o XII gu I, air
chor agus gu'm feum làmhnam mionaideanan t-astar
so a dheanamh a bharr air cuairt iomlan, mu'n d-thig
i gu bhi anns an aon ionad ris an lamh eile a rithisd.
Air an dùigh cheudna, tha a' ghealach air gluasad
air a h-aghaidh astar beag, anns an tìm a tha 'n
talamh a' cuir car iomlan dheth, air chor agus gu'm
feum esan tuille agus car a chuir dheth, mu 'n d' thig
iad gu bhi anns an aon suidheachadh do thaobh a
chèile anns an robh iad roimhe. Uaith so tuigear
leinn cionnus a tha dlù air cuìg-uaire-fichead, o'n
àm anns am bheil an làn air a tharruing a stigh le
tàladh na gealaiche aig àit' air bith an diugh, gus
am bheil e anns a' cheart suidheachadh anns an ionad
sin am màireach,
Leis an orduchadh so tha' u Cruìthfhear a' cuir
sior-ghluasadan anns a' chuan, a tha 'feuchainn a
mach a ghliocais agus a mhaitheis air mhodh comh-
arraichte. Leo so tha na h-uisgeachan sin a
dh'fhaodadh a bhi nan aobhar plàigh agus nan
aobhar pèin, le lobhadh agus boladh, air an dean-
amh nan aobhar fallaineachd agus mathachaidh do
dhuine agus do ainmhidh. Ma tha eadhon linne gle
bheag do uisge taimh ann, cha 'n f hada, gu sònruichte
'an àm an t-samhraidh, gus am bheil boladh ag eiridh
suas uaipe, a tha an dà chuid mi-thaitneach agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence