Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
42
AN RIAN-GREINE.
Dealbh7,
Tha an dà leth-chruìnne a ghnath ann an
suìdheachaidh calg-dhìreach an aghaidh a cheile.
'Nuair a tha 'n là fada anns an aon, tha e goirid
anns an aon eile : 'nuair tha teas anns an aon,
tha fuachd anns an aon eile. Anns an dealbh
so (7) tha f'ar comhair suidheachadh an talaimh
ann an àm meadhon a' gheamhraidh againne. Tha
a' ghrian a' triall, mar gu'm b 'ann o Chuairt h c
{Cancer) air an taobh tuath, gu C\iaìrtfg {Capri-
cornus) air an taobh deas ; agus cha 'n 'eil i dìreach
eadar an dà Chuairt so. 'S e dìrichead na grèine os
ceann a' chriosa so (an earann do 'n talamh eadar an
dà Chuairt, a bha aig an àm air ainmeachadh) is
aobhar do'n teas mhòr a tha air fhaireachdainn an
sin : agus is ann eadhon a reir mar a tha a' ghrian a
triall gu bhi dlù air dìreach os ceann na dùthcha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence