Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
40 AN RIAN-GREINE.
f haicsinneach, Le dealbh 3 chunnaic sinn gu bheil
tuille do theas na grèine a' tighinn air cuspair an
uair a tha i dìreach fa chomhair. Tha 'n dealbh mu
dheireadh a' leigeadli ris duinn, cha 'n e mhàin gu
bheil i ni's dlùithe air a bhi dìreach f'ar comhairaig
an aimsir so do'n bhHadhna, ach gu bheil (air aobh-
arachadh leis a'cheart ni so) an là ni's faide aig an
aimsir so cuideachd ; agus mar so cha 'n e mhain gu
bheil tuille teas a' tighinn a dh'ionnsuidh antalaimh
aig an aon àm, ach tha'n iìine a tha a'ghrian a 'deal-
radh oirn ni's faide (15 no 16 uairean) air chor agus
gu bheil a gathan-teas a'comh-chruinneachadh anns
an talamh, agus mar so a 'toirt mu 'n cuairt na
h-aimsir bhlàth sin a tlia air a' faireachdainn leinn aig
an àm so do do'n bhhadhna.
Faodaidh gu bheil e 'na cheisd, Ma 'se so aobhar
an teas, cionnus a tha e ni's teotha aig deireadh mlos
deireannach an t-samhraìdh, agus eadhon aig tois-
each ceud mhìos anfhogharaidh, na tha e aigmeadh-
onan t-samhraidh, an uair as àirde a tha'ghrian, agus
mar sin is dìriche a tha a gathan a' tighinn air a'
chrios do'n t-saoghal air am bheil againne ar còmh-
nuidh; seadh ged'a tha aig meadhon an t-samhraidh
mar an ceudna an là ni's faide, agus mar sin a shaoil-
eamaid gu' m b'e so an t-àm anns am biodh an teas a
bu mhò air fhaireachduinn ? Dheanamaid soilleir an
ni air a' mhodh so. Abair gu'n do chuir tlm bar-
aille fo bheul sruthain,a tha 'tighinna stigh ann aig
a' mhullach ; gidheadh aig a' cheart àm, tha toll
'na iochdar, a tha ' leigeadh a mach srutliain eile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence