Skip to main content

‹‹‹ prev (532)

(534) next ›››

(533)
TRANSLATIONS.
519
'Garbh-thoiinan an uamhais mu 'a ciiairt diiit god iadh,
Na cuireadh sin geilt ort, oir 's mise do Dhia ;
Is bheir mi dhuit cabhair is neart anns gach càs,
'S tu 'n crochadh ri deasdàimh mo chumhachd a ghnàth
'N iiair 's eigin duit imeachd troimh uisgeachan mòr',
Cha chòmhdaichear tur thu le tuiltean a' bhròin,
Oir bithidh mi faisg dhuit le fiirtachd a' d' fheum,^
'S a naomhachadh cràidh dhuit is àmhgharan geur'.
Troimh dheuchainnean teinnteach 'n uair 's eigin duit tviall,
Mo ghràs-sa 'tha buadhach bheir fuasgladh gu fial ;
An lasair cha chiiirr thu, 's e m' rùnsa do d' thaobh, _
An àmhainn an àmhghair do ghlanadh gu caomh.
Is eadhon gu 'n sean-aois bidh aithn' aig mo shluagh,
Nach caochail mo ghràdh-sa 'tha rioghail is buan ;
'S gu liathadh an ciabhan is deireadh an la,
Mar uain ann am uchd ni mi 'n giùlan a ghnàth.
An t-anam a tlieich air son fasgaidh gu Criosd,
O làrahan a nàimhdean ni mise a dhion ;
'S a dh' aindeoin gach oidhirp 'bheir ifrinn gu 'chlaoidli,
Cha 'n fhàg, cha 'n fhàg, is cha treig mi e chaoidh !
CIOD A DH' lOCAS MI ? ^
Air son ro mheud nan gràsan saor'
'Tha teachd gach la as ùr
làmhan Chriosd, t' Fhear-saoraidh caomh,
Ciod, anam, 'dh' locas tu?
Mo thruaigh', o chri mar tli' agara fain
Ciod 'dh' eireas 'bheir dha cliù 1
Mo nithe 's feàrr tha salach, breun,
'S mo chuids' gu leir cha 'n fhiii.
Gidheadb, so locaidh mise dha
Air son a ghràsan fial' —
Dlù-ghlacam cupan naomh na slàint'.
Is gairmeam air mo Dhia.
Se 'n t-iocadh 's feàrr o neach mar tàims',
Cho gràineil is cho truagb,
Co\\-per, in Roundell Palmer's " Book of Praise" (Macmillan) ; tirst line,
For mercies countless as the sands."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence