Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
12 WEST HIGHLAND TALES.
"Cha 'n 'eil fhios'am." " Cha 'n iongautach de dh' eireas duit ! cha
'n 'eil agad ach gabhail ris na thig a'd' rathad !" Nur a cbunnaic a
h-athair e thuirt e, " Tha thu 'so agam ; cait' a' bheii do bhean?"
'* Cha 'n 'eil fhjosam cait' a' bbeil i." " De a rinn thu rithe?"
urs' a h-athair. Cha b' urrainn e imiseadh de' a rinn e rithe.
Cha robh 'nis ach a chrochadh ri craoibh. Bha latha mor ri *bhi
titnchioll a chrochaidh, 's bha mòran de dhaoine uaisle ri tighinn
a 'fhaicinn. Dh' fheòraich ise d'a b-athair de' 'bha iad a dol a
dhèanadh r'a gille. Thuirt a h-athair gu'u robh iad a' dol da
chrochadh. " Carson," urs' ise, "a tha e r'a chrochadh." " Cheann-
aich 'e bean uamsa, 's cha 'n 'eil fhios aige de 'thauiig rithe. Dh'
fholbh i 'mach a dh' fhaicinn nan uaislean a' tighinn a stigh do'n
bhaile. Dh' fheòraich i de 'n fhear a bu chiataich' each de 'b' fliiach
dha. " Coig fichead," urs' esan. " Ged a bhiodh e coig ciad "s
learasa e," urs' ise. Thuirt 1 r'a gille urchair a chur 'sanjeach. Dh'
fheòraich i d'a h-athair an do phaigh e 'bhean. Thuirt e gun do
phkigh. " Ma phaigh," urs' ise, " cha 'n 'eil gnothach agadsa ris ;
dh' fliaodadh e 'roighinn a dhèanadh rithe. Cheannaich raise an
t-each a bu chiataiche a thainig a stigh do 'n bhaile an diugh. Thug
mi air mo ghille urchair a chur ann, 's co aig a' bheil a chridhe a riidh
gur olc. Cha.'n robh 'so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b' urrainn iad
^^tugli a dheanadh air ; o'n a cheannaich e i.
Chaidh i an sin a stigh do thigh a h-athar, 's thuirt i ri h-aon
d'a peathraichean guthann a thoirt dhi. " De 'tha thusa "dol a
dheanadh do ghuthann '? " urs' ise. " Nach coma leatsa. Ma
ni mi milleadh air paighidh mi e. Nur a chuir i urra an guthann dh'
aithnich a h-athair 's a peathraichean i, Dh' inuis a h-athair 's a
peathraichean dha gur h-i 'bha leis, 's cha robh e gan creidsinn.
Chuir i dhi an t-aodach mnatha, 's chuir i urra an t-aodach fir a
rithisd. Dh' fholbh i fein is esan, 's ghabh iad air an aghaidh gus an
robh iad dliith air a shean tigh fein. " Kis," urs' ise, "feumaidh sin
fuireachd an so an nochd. Suidhidh tusa air braigh ua staighreach,
agus cuirridh tu sios gach comhnadal a bhios agams' agus aig fear
an tighe. Nur a chaidh iad a stigh 's a shuidh iad, thòisich i fein
agus fear an tighe air comhradh. " Shaoil mi," lu-s' i ris a' chaibhtinn,
" gum b' e righ a bha 'chorahnuidh an so. De'mur 'fhuair thusa e ?"
" 'Se sin a bha roimhid an so; ach tha mi smaointeachadh, o'n a tha
thusa a'd' choigreach, gum faod mi innseadh tlhuit demur a fhuair mi
e." "Faodaidh," urs' ise, '* clia dòan mise sgeul ort; cha bhoin an
gnothach dhomh." Dh' innis e dhi 'h-uile car mar a chuir cailleach
nan cearc a stigh 's^a chisd' e, 's a' chuid eile de' n chilis ; 's gun d'
fholbh an righ an la 'r na mhiiireach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence