Skip to main content

‹‹‹ prev (288)

(290) next ›››

(289)
A BHAINTREACH. 2 7 I
romhad ; am bheil diiil agad nach glan mi fein iad na 's fhearr na
thusa ?" " Seadh, seadh ! leig dhuit ! Chi thu de dli' e'ireas duit nur
a thig e fein dachaidh ! " Thainig esan dachaidh, 's chuir ise au
dinneir air a' bliord, 's shuidh iad sios aice. Ma'n d' ith iad mir
thuirt esan rithe. " An robh tliu a'd' bhean mliath an diugb ?" " Bha,"
urs' ise, " Leig fhaicinn domhsa do chas, 's innsidh mi dhuit cb-aca
'bha na nach robh." Leig i fhaicinn da an te 'bha glan. " Leig
fhaicinn domh, an te eile," urs' esan. Nur a chunnaic e' 'n fhuil,
" O! ho !" urs' e, 's dh' e'iridhe, 's ghabh e 'n tuagh, s thug e 'u ceann
di, 's thilg e 'stigh do 'n t-seombar i leis an fheadhain mharbh, eile.
Chaidh e laidhe an oidhche sin, 's mochthrath an la 'r na
mhkireach dh' fholbh e gu garradh na baintrich a rithisd. Thuirt
an darna te do nigheanan na baintrich r'a mathair. " The'id mi
mach an diugh, 's cumaidh mi 'n t-each glas as a' ghkrradh." Chaidh
i 'mach a' fuaghal. Bhuail i 'rud a bha aice 'ga 'fhuaghal air an
each ; lean an t.aodach ris an each ; 's lean a lamh ris an aodach.
Rainig iad an cnoc. Ghlaoidh e mur a b' abhaist dha ris a' chnoc.
Dh' fhosgail an cnoc, 's chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath d'a
casan, 's leaba bhog d'a leasan, 's chaidh iad a laidhe an oidhche sin.
Mochthrath an la'r na mhkireach bha esan a' folbh a shealgaireachd,
's thuirt e rithe h-uile seombar a stigh fhosgladh, ach an aon fhear, 's
air na chunnaic i riamh gun am fear sin fhosgladh. Dh' fhosgail i
h-uile seombar gus an d' thainig i gus an fhear bheag, 's air leatha
de dh' fhaodadh a bhith anns an fliearsin na 's motha na ckch nach
fhaodadh i 'fhos-gladh. Dh' fhosgail i e, 's bha e Ian de mhciathan
uaisle marbha, 's a piuthar fein 'nam measg. Chaidh i sios 'ga gliin
ann am fuil. Thainig i 'mach, 's bha i 'ga glanadli fein, 's thkinig an
cat beag ma'n cuairt, 's thuirt i rithe. " Ma bheir thu dhbmhsa deur
crion bainne glanaidh mi do chas cho math 's a bha i riamh ? " '• Thus'
a bheathaich ghrannda ! Gabh romhad ! Am bheil diiil agad nach
glan mi fein i na 's fhearr na thusa? " " Chi thu," urs' an cat, " d^
dh' eireas duit nur a thig e fein dachaidh." Nur a thkinig e
dhachaidh chuir ise sios an dinneir, 's shuidh iad aice. Thuirt esan
rithe. " An robh thu a'd' bhean mhath an diugh ?" " Bha," urs' ise.
" Leig fhaicinn domh do chas, 's innsidh mi dhuit cb-aca 'bhana nach
robh." Leig i fhaicinn da 'chas a bha glan. " Leig fhaicinn domh
an te eile," urs' esan. Leig i fhaicinn i. " O ho ! " urs' esan, 's ghabh
e 'n tuagh, 's thug e 'u ceann di.
Chaidh e 'laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la 'r na mhair-
each, urs' an te b' bige r'a mhthair, 's i figheadh stocaidh. " The'id
mise 'mach le m' stocaidli an diugh, 's fairidh mi 'n t-each glas; chi mi
de thachair do m' dha phiuthair ; '3 tillidh mi dh' inuseadh dhuibhse."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence