Skip to main content

‹‹‹ prev (269)

(271) next ›››

(270)
252 WEST HIGHLAND TALES.
feudadh iad nis dhol a chodal, gun robh iad sabhailt gu lebr. " Tha
mi creidsinn," ars' esan ris a ghille eile, " gu bheil thu 'n ad ghille
tapaidh, bi aig laimh an ath oidhche 'us chi mi ris thu." Phaigh e an
gille, 'us an gille ro thoilichte. Dh' fhalbh esan dhathigh gu stabull
a miiaighistir leeach donu an Easbuig. Ghabli emu thamh 'us ge bu
mhoch a thainig an la bu mlioich a thainig a mhaighistir gu dorus
an stabuilL " Cha bu ghearain leam mo shaothair nam bitheadh m'
Albanach bochd romham an so an diunh." " Tha mi ann a so, a'
mhaighistir mhaith," ars' esan, " agus each donn an Easbuig agam."
"Ud, a laochain, a ghille thapaidh," ars' a mhaighistir, " bha meas agam
ort roimhe, ach tha meas mbr nis agam ort." Rinn iad reidh an la
so ris dhol a choinneachadh an Easbuig 'us b' e so De-baoine. " Nis,"
ars' an gille, " dh' flialbh mi gun each an de, ach cha-n fhalbh mi
mar sin an diugh." " Mata,a laochain, o 'n a fhuair thu fhein ant-each
bheir mise diollaid duit." Dh' fhalbh iad an la so ris 'an coinnirah an
Easbuig, a mhaighistir 'us esan air muin dk each. Chunnaic iad an
t-Easbuig a tighinn 'n an coinnimh 'us coltas a chuthaich air. 'N
uair a thainig iad an lathair a cheile, chunnaic iad gun robh an
t-Easbuig air muin eich eile nach robh cho maith r'a each fhein.
Chaidh an t-Easbuig 's am Probhaisd an coinnirah a cheile le f ailte.
Thionndaidh an t-Easbuig ri gille a Probhaisd," Shlaoitir," ars' esan,
" 'us a dliearbh mheirlich." " Cha-n urrainn thu tuilleadh a radh
rium," ars" gille a Plirobliaisd, "cha-n 'eil fliios agam an urrainn thu
sin fhein a radh rium le ceartas, thaobh, dh' innis mi dhuit gun
robh mi dol g'a dheanamh; gun tuilleadh de do sheanachas cuir an
so mo chuig ceud marg am ionnsuidhse." B' ^igin d'a sin a dhean-
amh ged nach robh e toileach. " Ciod e a their thu," ars' an gille,
" ma ghoideas mi do uighean an nochd ?" 'S e aon nighean a bh' aig
'us cho robh bu bhreagha na i 'an Lunnun, " Mo nighf-ansa, a
bhiasd," ars' an t-Easbuig, " cha ghoid thu mo nigheansa."' " Cuir-
idh mi," ars' an gille, " an cuig ceud marg a thug thu dhomh 'us an
t-each donn gun goid mi i." " Cuiridh mise deich ceud marg," ars'
an t-Easbuig, " nach goid." Einn iad cordadh. Dh' fhalbh esan 'us
a mhaighistir dhathigh. " Laochain," ars' a mhaighistir, " bha mi a
saoilsinn gu maith dhiot uaireigin, ach rinn thu tiiirn amaideach a
nis, 'n uair a fhuair thu thu fhein ceart." " Comaleibhse, a mhaigh-
istir mhaith," ars' esan, "bheir mi an ionnsuidh co dhilibh." 'N uair
thainig an oidhche, thog gille a Probhaist air, 'us chaidh e air falbh gu
tigh an Easbuig. 'N uair a rainig e tigh an Easbuig, clutnnaic e
duine uasal 'tighinn a mach air an dorus. " Oh," ars' esan ris an duine
uasal, "ciod e so aig tigli an Easbuig an nochd?" "Tha gnothuch
mbr sbnraichte," ars' an duine uasal, " Albanach musach tha an sud,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence