Skip to main content

‹‹‹ prev (394)

(396) next ›››

(395)
SGEULACIID AIR NIGHEANAN RIGH LOCHLAINN. 247
ach leis a' chriin far an robh nighean an righ. " IMata," thubhairt
ise, " mur b'e gum blieil fios agam nach gabhadh e deanamh, cha
chreidinn nach e so an criin a bha agam an uair a bha mi leis an
fhamhair mliòr." Thubhairt nighean mheadhonach an righ ris a'
ghobhainn, " Caillidh tu 'n ceann mar dean thu criin airgid dhòmhsa
coltach ris an fhear a bh' agam an uair a bha mi aig an fhamhair."
Thug an gobha an tigli air fo sprochd, ach chaidh a bhean 'na
choinneamh an diiil ri naigheachd mòr "s brosguil ; ach 'se bh' ann
gun d' thubhairt an gille, " gun deanadh esan crhn airgid, na 'm
faighadh e na leòir do dii' airgiod." Fhuair an gobba ni's leoir do
dh' airgiod le òrdugh an righ. Chaidh an gille 's rinn e mar a rinn
e roimhe. Leig e fead ; thainig an iolaire. " Falbh," thubhairt
esan, " agus thoir thugam-sa an so an criin airgid a bha aig nighean
mheadlionacli an righ an uair abhai aig an fhamhair." D' fhalbh
an iolaire, 's cha b' fliada bha i air a turns leis a' chriin airgid.
Dh' fhalbh an gobhainn gu subhach, sunndacli leis a' chriin airgid
gu nighean an righ. "Mata," thubhairt ise, "tha e anabnrrach
coltach ris a' chrim a bh' agam dar a bha mi aig an fhamhair."
Thubhairt nighean òg an righ ris a' ghobha, " E a dheanamh crhn
copair dh' ise, coltach ris a chrun chopair a bha aice, nuair a bha i
aig an fhamhair." Bha 'n gobha an so a' gabhail misnich, 's chaidh
e dhachaidh mòran ni bu toilichte air an trò so. Thòisich an gille
air spealgadh a' chopair, 's air a thilgeadh a mach air gach dorus '3
uinneag. Bha iad an so as gach ceann do 'n bhaile a' tion-
ail a' chopair mar a bha iad a' tionail an oir 's an airgid.
She'id e 'n fheadag, 's bha 'n iolaire ri 'thaobh. " Rach air
t' ais," thubhairt esan, " agus thoir an so thugamsa an criin cop-
air a bha aig nighean òg an righ an uair a bha i aig an fhamhair."
Dh' fhalbh an iolaire, 's cha robh i fada 'dol 'sa' tighinn. Thug e 'n
crim do 'n ghobhainn ; dh' fhalbh an gobhainn gu subhach, sunnd-
acli, 's thug e do nighean òg an righ e. " Mata," thubhairt ise, " cha
chreidinn nach b'e so an dearbh chriin a bha agam an uair a bha mi
aig an fhamhair fo 'n talamh, na'ni biodh dòigli air fhaotainn."
Thubhairt an righ an so ris a' ghobhainn, " Gu' feuniadh e innseadh
dhasan, caite an d' ionnsaich e deanamh nan crhn, rir cha robh fios
agam gun robh do leithid 'san rioghachd." " Mata," thubhairt an
gobha, " le 'r cead, a righ, cha mhise a rinn na criiin, ach an gille
'tha agam a' seideadh a' bhuilg." " Feumaidh mi do ghill' fliaicinn,"
thubhairt an righ, " giis an dean e criin dhomh fliein." Dh' ordaich
an righ ceithir eich ann an (coacha), 's iad a dhol a dh' iarraidh gille
a' ghobha. An uair a thainig an (coacha) adh' ionnsaidh na ceardach,
bha gille a' ghobha gu dubh, salach a' seideadh a' bhuilg. Thainig na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence