Skip to main content

‹‹‹ prev (396)

(398) next ›››

(397)
SGEULACHD SGIRE MO CHEALAG. 379
fhear a thainig dhachaidh do na daoine thuirt a bliean ris, " Tha thu
tinn." "Am blieil ?" as eise. " tha," thuirt ise. " Cuir dhiot do
chuid aodaich "s bi dol a luidh." Rinn e so ; agiis dar a bha e anns
a' leabaidh, thuirt i ris, " Tha thu nise marbh." " O am bheil?" as eise.
" Tha,'" as ise, " diiin do shuilean 's na gluais lamh na cas." Agus
bha e so marbh. Thainig an so an darna fear dhachaidh, agus thubh-
airt a bhean ris, " Cha tu th'ann." " O nach mi," as eise. " O cha
til," as ise. 'S dh' fhalbh e "s thug e choille air. Thainig an so an
trithumh fear a dh'ionnsaidh a thighe fhein, agus chaidh e fhein
'sa bhean a luidhe, 's chaidh gairm a mach am mairoch chum an
duine marbh a thiolagag ; ach cha robh a bhean-san a leigeil leisean
eiridh dho dhol ann, Dar a chunnaic iad an giulan a" dol seachad air
an uineig dh' fhiar i air e bhi "g eiridh. Dh' eirich e "so le cabhaig
mhoir "s bha e 'g iarraidh a chuid aodaich "s e air chall, 's thubhairt,
a bliean ris gun robh a chuid aodaich uime. " Am bheil ?" as eise.
" Tha," as ise. '• Greas thusa ort achd gu beir thu orra." Dh' fhalbh
e 'so 'na chruaidh ruith, agus an uair a chunnaic cuideachd a' Ghiul-
ain an duine lomnochd a" tighinn, smaoinich iad gur duine e a bha
as a cliiall, 's theich iad fhein air falbh, 's dh' fhag iad an Giulan,
agus sheas an duine lomnochd aig ceann na ciste mhairbh, agus
thainig duine nuas as a' choille, agus thubhairt e ris an duine bha
lomnochd, "Am bheil thu dha m' ainmin?" "Cha 'n 'eil mise," as
easan, dha "d tainin. " cha 'n 'eil ; na bo mhi Tomas dh' ainichag
mo bhean fhein mi." " Ach carson," as easan, a tha thusa lomnochd?"
"Am bheil mi lomnochd .5' Ma tha thubhairt mo bhean rium gun
robh an t-aodach umam." " 'Se mo bhean a thubhairt riumsa gun
robh mi fhein marbh," arsa a' fear a bha 'sa chiste. Agus an uair
a chuala na daoine am marbh a' bruidhinn thug iad na buinn asta 's
thainig na mnathan 's thug iad dliachaidh iad, agus 'se bean an
duine a bha marbh a fhuair am fainne, agus chunnaic easan an sin
triur cho gorrach ris an triur a dh' fhag e aig an tigh, agus thill
easan dhachaidh.
Agus chunnaic easan an sin bata "dol a dh' iasgach, agus
chunntadh da dhuine dheug a' dol a steach do'n bhata, agus an
uair a thainig i gho tir cha robh innte ach aon duine deug. 'S cha
robh fios CO a' fear a bha air chall. Agus a' fear a bha ghan
'cunntag cha robh e gha chuntag fhein idir, agus bha easan a'
coimhead so. " Gu de an duais a bheir sibh dhomhsa na 'faoigh-
inn a' fear a tha air chall oirbh ?" " Gheamh thu duais air bhith
mo Gheamh thu 'n duine," thubhairt iadsan. "Dianaibh,"' as easan
suidhe ri taobh a cheile ma tha. Agus rug e air siulpan maide, agus
bhuail e 'cheud fhear, " Biadhag cuimhne agadsa gu robh thu fhein

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence