Skip to main content

‹‹‹ prev (360)

(362) next ›››

(361)
SGEULACHD MIC IAIN DIRICH. 343
air da an t-seabhag ri gleidh, 's bha Mac Iain Diricli a' tobhairt an
fhaire shònraicbte air an t-seabbaig.
Bba leis an fhamhair, gu 'n robb gacb ni a' dol gu ceart. Agus
dh' flialbh e o'n tigh aon latba ; a 's smuainticb Mac Iain Diricb, gu
'm b'e sin an t-am gu ruith air falbh leis an t-seabhag, 's bheir e air
an t-seabhaig gu falbh leatha. A 's a nuair a bha e a' fosgladh an
doruis, is a cliunnaic an t-seabhag an solus, sgaoil i a sgiathan gu
leum, 's bhean barr h-aon do na itean, aig aon do na sgiathan aice do
aon do ursainnean an doriiis. 'S leigan ursainn sgreach as. Thainig
amfamhairdachaidh 'na ruith, 's bheir e air Mac Iain Dirich, 's thug
e uaidh an t-seabhag, a "s thubhairt e ris, " Cha tugainnsa dhuit
mo sheabhag, mar faighidh tu dorah an claidheamh geal soluis a
tha aig seachd mnathan mora Dhiurath," 's chuir am famhair Mac
Iain Dirich air falbh.
Chaidh Mac Iain Dirich a rithisd troimhe an fhasaich, 's choinnich
an gille-mairtein air, 's thubhairt e ; " Beul sios ort a Mhic Iain
Dirich, cha do rinn, 's cha dean thu mar a dh' iarras misidh ort, is
olc an oidhche an d' thainig thu an nochd, cha 'n'eil agam ach aon
spoig muilt, agus aon leth-cheann caorach' is eiginn a bhith deanamh
leis."
Bheothaich iad gealbhan, 's rinn iad deis an spag muilte 's an
leth-cheann caora, 's ghabh iad biadh 's chadal. Agus an ath latha,
thubhairt an gille-mhirtean, theid sinn gu taobh a' chuain.
Chaidh iad 's rainig iad taobh a chuain ; 's thuirt an gille-mairt-
ean, " Cinnidh mise ann a'm' bhata, 's rach thusa air bòrt orra, 's bheir
mi a null gu Diurath thu, 's rach a dh' ionnsaidh seachd mnathan
mora Dhiurath, 's iarr seirbhis, gu thu a bhith nad' ghille aca, 's tra
a dh' fharraidies iad d" "lot, gu-de is urrainn duit a dheanamh, abair
riutha, gum bheil thu math air glanadh iarunn agus stailinn, or agus
airgiod, agus gu 'n dean thu gu glan, soillear, dearlach iad, a 's thoir
an fhaire shònraichte gu 'n dean thu gach ni gu ceart, gus gu 'n
earb iad an claidheamh geal-soluis riut, 's an uair a gheibh thu fàth,
ruith air falbh leis, ach thoir an fhaire, nach bean an truaill do niair
bith air taobh a stigh an taighe, aimeo ni e sgread 's cha teid do
ghnothach leat."
Chinn an gille mairtean 'na bliata, 's chaidh Mac Iain Dirich air
bòrd urra, 's thainig i air tir aig creagan nan deargan aig taobh ma
thuath Dhiiirath, 's leum Mac Iain Dirich air tir. 'S chaidh e a
ghabhail muintireas aig seachd mnathan mora Dhiurath. Rainig e
a 's bhuail e aig an dorus, thainig na seachd mnathan mòr a mach,
's dh' fharraid iad gu-de' a bha e ag iarraidh. Thubhairt e, gu 'n
thainig e a sheall an robh feum aca air gille ; dh' fharraid iad deth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence