Skip to main content

‹‹‹ prev (308)

(310) next ›››

(309)
A CHAORA BHIORACH GHLAS. 29 I
i far am faicibh e i; ach dh' eireadh i agus dli' fhalbhadh i mun
sgoileadh an sluagh, agus bhitheadh i aig an tigh, agus na h' uile
nith an ordugh mun tigeadh a muime. Ach air an treas uair a
bha i ann bha am Prionnsa toileach falbh leatha, agus shuidh e
dluth do'n dorus, agus 'n uair a dh' fhalbh ise, bha esan a cuniail suil
orra, agus dh' eirich e, agus dh' fhalbh e as a deigh. Bha ise 'ruidh
dhachaidh, agus chaill i h-aon il'a brogan 's a pholl, agus thuair esan a
bhròg. Agus a chionn nach b' urrainn dha a faicinn thubhart e gum
b'e an te aig an robh cas a fhreagradh a bhrog dlii a bhean a bhitheadh
aigesan. Bha a Bhanrigh toileach gu freagradh a bhrog a'n nighinn
aice fein, agus chuir i nighean na ceud Bhanrigh am folach air alt 's
nach biodh i r'a fhaicinn gus am faiceadh i am fre.igradh a bhrog a'
nighinn fein. 'N uair a thainig am Pronnsa a dh' fheuchainn na broig
orra bha a cas tuille'smor; ach bha i ro thoileach gu 'freagradh a'bhrog
i, agus bhruidhinn iri cailleach nan cearc uime. Ghearr cailleach nan
cearcbarrnanlaor d' i 's gun freagradh a bhrog i, agus chaidh a bhtòg
orra 'n uair bha barr nan laor gearrta dhi. 'N uair a thainig la na
bainnse chaidh nighean na ceud Bhanrigh chuir am folach an an ciiil
aig CÙ1 an teine. 'N uair a bha an sluagh uile cruinn aig a bhanais,
thainig eun chum na h' uinneig agus ghlaodh e. " Tha anfhuil 's a
bhroig agus tha chos bhoidheach 'sa chhil aig ciil an teine." Thubhairt
h-aon diubh, " Ciod e tha am beathach ud ag radh." Agus thubhairt
a Bhanrigh, "'S comadhciod tha am beathach ud agradh cha'n'eil ann
ach beathach mosach, gobach, breugach." Thainig an t-eun aris
chum na h' uinneig ; agus an treas uair a thainig e thubhart am
Prionnsa. " Theid sinn agus chi sinn ciod tha e ag radh." Agus dh'
eirich e agus chaidh e mach agus ghlaodh an t-eun, " Tha'n fhuil 'sa
bhroig 's tha chos bhoidheach sa' chhil aig cul an teine." Phill e
'stigh agus dh' orduich e a chuil bh' aig cul an teine iarruidh. Agus
dh' iarr iad i, agus thuair iad nighean na ceud Bhanrigh an sin, agus
brog oir air a darna cois. Ghlan iad an fliuil as a bhroig eile, agus
dh' fheuch iad orra i, agus fhreagair a bhrog i, agus bha a leith-bhreac
air a chois eile. Dh' fhag am Prionnsa nighean na Banrigh mu
dheireadh, agus phos e nighean na ceud Bhanrigh, agus thug e leis
uapa i, agus bha i sona, saoibhir, na dheigh sin.
" He has an eye in the back of his bead," is a common
saying for some one preternaturally sharp.
This story has some resemblance to Argus, who had a hundred
eyes, and slept with two at a time; and was set by Juno (a queen)
to watch lo, a human being changed into a heifer.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence