Skip to main content

‹‹‹ prev (270)

(272) next ›››

(271)
MAC AN TUATHAXAICH ALBAXAICH. 253
a^us e maoidheadh a nighean a ghoid, gu dearbh cha-n 'eil gin an
Albainn a ghoideas i leis an fhaire a th' oirre." " Uh, tha mi cinnt-
each nach 'eil," ars' an gilie, agus thionndadh e uaith. " Tha fear an
Sasunn an triitlisa," ars' esa, "a dh' fheumas feuchainn ris co dliixibh."
Dh' fhalbh e, agus thug e taillearaa an teaghlaich rioghail air. DIi'
fharraid e dhiubh an robb dad de dheiseachan deas aca do uaislibh
mora. '• Cha-n 'eil," ars' an taillear, " ach deise a th' againn do
nighean an righ, agus tu d'a maighdean choimheadachd." " Ciod
e," ars' gille a Probhaisd "dh' iarras tu air iad sin fhe'in car da uair a
dh' iiine? " " Oh," ars' an taillear, " tha eagal orm nach fhaod mi
an toirt duit." "Xa bitheadh eagal air bhith ort," ars' gille a Pro-
bhaisd, "paighidh mi thu agusbheir mi an da dheise gun bheud, gun
mhillidh air an ais. Gheibh thu ceud marg," ars' esan. Shanntaich
an taillear an t-airgiod mòr ud 'us thug e dha iad. Dh' fhalbh e 'us
fhuair e an gille bh' aig an oidhche roirahe. Chaidh iad dh' aite
sònruichte 'us fhuair iad iad fhe'in a chur 'an uidheam 's an da dheise.
Dh' fhalbh iad 'n uair a fhuair iad iad fhein cho maith 'us bu nihaith
leo gu dorus an Easbuig. Fhuair e mach mun d'rainig e an
dorus, 'n uair a thigeadh aon air bith do "n teaglilach rioghal gu
tigh an Easbuig, nach e an dorus a bhualadh a dheanadh iad, ach
sgriob a thabhairt le barr an coise aig bonn an doruis. Tliainig
esan a dh' ionnsuidh an doruis agus rinn e sgrioba. Bha dorsair
aig an dorus an oidhche sin, 'us dh' fhalbh e 'na ruith dh' ionnsuidh
an Easbuig. " Tha aon de 'n teaghlach rioghail aig an dorus," ars'
esan. " Cha-n 'eil," ars' an t-Easbuig, " is e th' ann am meirleach
Albannach." Sheall an gille troimh thoU na h-iuclirach 'us chunnaic
egur e coslas da bhean uasail a bh'ann. Dh' fhalbh e dh' ionnsuidh
a mhaighistir 'us dh' innis e dha. Cliaidh a mhaighistir dh' ionn-
suidh an doruis 'us sheall e fhein. Bheireadh an gille a bha mach
sgriob an trathsa 's a ris, 'us e a cath-throid ris an Easbuig, 'us e ri
amaideachd. Sheall an t-Easbuig 'us dh' aithnich e gur e guth nigh-
inn an righ bha 's an dorus. Fosgailear gu grad an dorus, 'us deanar
a chromaidh gu lar rithe. Bhuail nighean an righ ris air son a
nighean chur ann an geall 's am bith, gun robh feadhain a gabhail
brath air airson a leithid a dheanamh. " Cha mhor a b' fhiach thu
a dheanadh a leithid gun fhiòs domhsa, 'us cha ruigeadh tu leas a
leithid a dh' othail 'us a dh' amaideachd a dheanamh." '• Gabhaibh
sibh mo leithsgeul," ars' esan. " Cha-n urrainn mi do leithsgeul
a ghabhail," ars' ise. Stigh thug e nighean an righ do 'n t-seomar
's an robh a nighean 'us an fheadhain a bha 'g a faireadh. Bha ise
'am meadhon an t-sebmair air caitliir 'n a suidhe 'us each ceithir
thimchioll oirre. Ars' nighean an righ rithe, "Mo ghaoil, 's e d'athair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence