Skip to main content

‹‹‹ prev (202)

(204) next ›››

(203)
MAGHACH COLGAR. I 85
Diarmaid, " seacliainn do dliuine fhe'in, asjus amais do namhaid, 8
gor CO maith dhuit a bhi 'ga dhinneadh aims a bhota ud shuas, 's a
bhi 'ga dhinneadh a'm' cha'pasa. Na h-athnuadhaich tbusa mis'
aiiis, ach an amais mis' air mo namhaid." Mharbh eud a h-uile duine
dhe 'n t-sluagh.
Smaointich eud air an fheadhain a bha 's an araich 's eud gon
bhiadh. Thug gach aon diubh leis Ian neapaigin, 'sa bhrollaich, 's a
phòcaidean. " Co siud a muigh ?" ursa Fionn. " Tha mise Diar-
maid mac do pheathar." " Demur a tha na Greugaich ?" " Tha a
h-uile duine dhiubh marbh gon anam." " O Thalia, agus their
thugam teanachdas de bhiadh." " Gad a bheirinnsa dhuit biadh
demur a dh' itheadh thu e, 's thu anu an sin, 's thu ceanghailte ?"
Cha robh saod aig air biadh a thoirt daibh, ach a bhi 'tolladh a'
bhrugh as an cionu, 's a' leigeil a bhidh sios a 'n ionnsuidh. " De tha
go d' f huasi^ladh as a sin ?" ursa Diarmaid. " Mata is deacair sinn
fhaotainn," ursa Fionn, " 's cha 'n e h-uile fear a gheibh e, 's cha 'n
'eil e ri fhaotainn idir." " Innis thusa dhonihs' e," ursa Diarmaid,
" agus gheibh mi e." " Tha f hio^' am gon ciosnaich thu 'n saoghal
gos am faigh thu e, agus cha 'n 'eil mo leighea?-sa ri fhaotainn, na
fuasgladh as an so, ach aon rud." " De 'n aon rud a th' ann, nach
innis thu dhorahs' e, 's gom faigliinn e?" "Triliir nigheanan righ
ris an can eud Righ Gil." Tha na tri nigheanan ann an caisteal ann
am miadhon acarsaid, gon searbhant, gon sgalag, gon duine beo ach
eud fhin. Eud sin fhaotainn, 'sa h-uile boinne fala th' annt' fhhsgadh
asda, 's a cuir air trinsearan, 's ann an copain,— a h-uile diar fal' a th'
annt a thoirt asda, 's am Tagail cho geal ris an anart."
Dh' fhalbh Diarmaid, 's bha e 'falbh gos an robh dubhadh air a
bhonnaibh, agus tolladh air a bhrogan, is neoil gheal an latha 'falbh,
's neoil dhubha na h-oidhche tighinn, is gon e faighinn aite stad na
tamh dha. Eainig e 'n acarsaid, 's chuir e ceann caol a shleagh fo
'uchd, 's ghearr e leum, s bha e 'sa chaiste:il an oidhche sin. An la
'r na mhaireach thill e. Thug e leis dithisd air an darna guallainn
's a h-aon air a' ghualainn eile. Chuir e ceann caol a shleagh fo 'uchd,
's air a chiad leum bha e air tir. Rliinig e Fionn. Thug e da ionn-
suidh na nigheanan. Dh' fhaisg e h-uile diar fala bh' anns na h-uilc
te riabh a mach air miaraibh a cas, agus a lamb. Chuir e brat dubh
air an uachdar. Thoisich e air dortadh na fal' air an fhfadhain a
bba stigh, 's a h-uile fear a dhoirteadh e n f hull air, dh' eireadh e, is
dh' fhalbhadh e. Thèirig an f hull, is bha h-uile fear air fhuasgladh
ach h-aon ris an canadh eud Conan.
"An ann a brath mis' fhagail an so a tha thu Dhiarmaid?"
" Amhradh ort, theirig an f huil." " Nam bu bhean bhriagh, bhadan-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence