Skip to main content

‹‹‹ prev (173)

(175) next ›››

(174)
156 WEST HIGHLAND TALES.
litrichean anns gach cearn de 'n rioghachd. Togaidh mise caisteal
boidheacli air bialthaobh a' pliaileas duit. Gheibh mi saoir agus
clachairean agus goibhnean gos a' chaisteal sin a thogail." "An e sin
smaointinn a th' agad a mhic mo pheathar," ars' an Righ, " cha robh
ceart na coir agad air an rioL;hachd fhaotainn mar an tograinn fhin
a toirt duit le m' thoil fhin. Cha 'n fhaic thusa laimhseachadh Eirinn
agad gos an d' theid mise an toiseach fo 'n iiir." " Bidh latha blàir
agus batailt ann ma 'n lig mise sin air aghaidb," urs' am fear òg.
Dh' fhalbh e agus sheòl e go ruig Alba. Chuireadh brath a suas
thun righ Alba gon robh righ òg Eirinn air tigh 'n go ruig Alba g'a
choimhead. Thugadh suas air bharraibh bas e. Chuireadh biadh
an ait' a chaithidh, deoch an ait a h-òl, agus cebl an ait' e'isdeachd.
Bha eud a' caitheadh na cuir\ni agus na cuidoachd.
" A righ òg Eirinn," ursa righ Alba, " cha n' ann gon cheann
guothaich a tliainig thusa go ruig Alba." " Cha bu mhath learn fios
mo ghnothaich a ligeil a mach gos am biodh fhios'am am faighinn an
toiseach e." " Dad 's am bith a th' agamsa gheibh thus' e, chionn
na'm bithinn aig iarraidh cuideachaidh cha lughaide gon rachainn a
t' ionnsuidh-s' airson fliaotainn." " Facal a thhinig ann an doilgheas
eadar mis' agus brath 'r mo mhàthar." " Bha e air eubhach a mach go
'm bu mhi righ Eirinn; 's thuirt e rium nach biodh gnothach agam ri
ni gos an rachadh plochd airsan an toiseach. Tha toil agam mo
choir a slieasamh agus cuideachadh fhaotainn uaitse." " Bheir mise
sin duit," ars' an Righ, " tri chiad High ghaisgeach, tri chiad treun-
ghaisgeach, agus tri chiad langhaisgeach, 's cha don' an cuideachadh
sin." " Tha mise gon cheannard as an cionn, 's tha mi cho dona 's a
bha mi roimhid; ach tha iarrtas beageil' agam, agusna 'm faighinn e
bhithinn deonach air a ligeil a mach." " Rud sam bith a th' agamsa,"
ars' an Righ, " 's is urra mi dealachadh ris gheibh thu e, ach rud
nach 'eil agam cha n' urra mi 'thoirt duit ; ach lig amach do chainnt 's
gheibh thu e." " 'Se sin Boinne Breat do mhac air ann ceann." " Mo
ghonadh dhuit, na 'm bithinn gon a ghealltainn duit cha n' fhaigheadh
thu e ; ach cha do rugadh an Albainn, na 'n Eirinn, na'n Sasunn, na
'n aon aite na gheibheadh buaidh air mo mhacsa, ach fantainn aig
ceartas ; mar an d' thig mo mhacs' airais mar a dh' fhalbh e cha 'n
'eil facal Eireannaich ri ghabhail tuillidh, chionn 's ann am foill
a thigt' air."
Dh' fhalbh eud an la 'r na mhaireach 's sheol eud 'ionnsuidh righ
Shasuinn. Chaidh brath suas go righ Shasuinn gon robh righ òg
Eirinn an deigh tigh 'n do 'n aite. Ghabh righ Shasuinn 'na chomh-
dhail 's thugadh suas air bharraibh bas e. Thogadh ceol 's leagadh
bron ann am paileas righ Shasuinn. Chuireadh biadh an ait' a chaith-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence