Skip to main content

‹‹‹ prev (139)

(141) next ›››

(140)
122 WEST HIGHLAND TALES.
air falbh agus ghabli e go ruige Sasunn. Thug e sgoil a's ionnsach-
aclh do 'n bhalach i^os an robh e ochd bliadhna diag, air:an t-soitheach.
'Se Iain Albannach a bh' air a' bhalach an toiseach. Thug esan Iain
Mac a Mhaighstir air' a thaobh gom be fhm maighstir an t-soithich.
Bha aig owner an t-soithich seachd soithichean air muir' agus seachd
biithannan air tir — a' h-uile t4 gabhail thun a biith fhin le a luehd.
Thachair do na seachd loiiigeas a bhi aig an tigh comhla. Thug an
sealbhadair suas leis na seachd sgiobairean thun an tighe. " Tha mi
'fas trom aosd','' urs' esan. " Tha sibh an sin seachd niaighstirean — cha
robh gin agam gu Icir a bu docha leam na thusa — tha mi gon duine
cloinne gad a tha mi pòsda. Cha 'a 'ell fhios'am co aig a dh' fhàgas
mi mo chuid, agus cuid mhòr agam. Cha robh gin a bu docha leam a
thoirt da na thusa, ach go 'bheil thu gon chlann mar mi fhin." " Tha
aganis'," urs' an sgiobair, " mac ochd bliadhna diag a dh' aois anns an
t-soitheach gon a liginu aisd' idir." " Nach neonach leamsa sin agad
s gon mise g'a chluinntinn riabh." " 'S iomadh rud a dh' fhaodadh a bhi
aig mo leithidsa nach bithinn aig innseadh dhuibhse." " Falbh 's thoir
thugams' a nuas e 's gom faicinn e." Dh' fhalbh e 's thug e nuas e, 's
chuir e 'n òrdugh e. " An e so do mliacsa ?" " 'S e," urs' an sgiobair.
" Coca 's fhekrr leat fuireachd agamsa, na falbh le t' athair air a' mhuir
mur a bha thu roimhid, 's gun dian mise dileabach diotgo bràthach."
" Mata 's ann air muir a fhuair mi mo thogail riabh, 's cha d' fhuair mi
dad o m' òig air tir; le sin 's ann air muir a b' fhearr leam a bhi; ach
o 'n tha sibhs' a' cur roimhibh go 'n cum sibh mi 'gom fan mi agaibh
fhin." "Tha seachd bhthannan agam air tir, agus feumaidlitu Ihmh
a ghabhail anns na seachd biithannan." " Tha cleireach aig a h-uile
fear riabh de na biithannan," urs' esan, " cha gabh h-aon aca droch bhar-
ail orra fhin, nach 'eil end cho math riumsa ; ma tha sibh a cur mar
fhiachaibh ormsa go 'n gabh mi eud, gabhaidh mi 'n seaclidamh fear
diu.
Ghabh e 'n seachdamh fear de na biithannan, 'sa chiad latha da dol
ann 'chuir e fios feadh a' bhaile, an rud a bha roimhid punnd gom biodh
e air coig tasdain diag, air alt 's gon d' thainig 'h-uile rud a bha a'
blmth nuas 's gon robh 'm biith falamh nia 'n d' thainig na soithich-
ean. Chaidli e stigh, chunndais e chuid airgid, 's thuirt e go 'n robh 'm
biith falamh. " Cha n' ioghnadh gad a bhitheadh, san rud a bha
roimhid air punnd thu g'a ligeil sios go coig tasdain diag." " Agus
oide 'bheil sibhse'ga ghabhail sin go h-olc; nach 'eil sibh a' faicinn
gon cuirinnsa mach na bh' anns a bhlith seachd uairean ma 'n cuir-
eadh eudsan a mach aon uair e." " Leis an sin feumaidh tu lamh a
ghabhail ri each agus an ligeil a mach mur sin." Ghabh e n sin
lamh ri ckch, agus bha e 'na mhaighstir as cionn nan cleireach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence