Skip to main content

‹‹‹ prev (513)

(515) next ›››

(514)
362 WEST HIGHLAND TALES.
agus dàrna leth na riogbachd an fheadh is a bhithidh an an righ
beò, agus an t iomalain do n rioghchd an deigli bàs an righ. Agus
thainig na h-uile gin do n fheadhainn aig an robh an da bhall
dhubli air an aodann, agus thubhairt iad gu'm b' iadsan a rinn na
h-uile tapadh a chaidh a dheanamh. An sin ehaidh an righ 's
an àrd chomhairle, a dh' fheuchainn cia-mar a ghabhadh a chuis
socrachadh, agus is è a chuis a shocruich iad, na h-uile fear aig
an robh an da bhall dubh air an aodann a chuir comhla ami an
seomar, agus bha iad gu pàisde fhaotuinn, agus bha nighean an
righ gus ubhall a thoirt do 'n phàisde agus bha am paisde gus a
chuir a stigh far an robh na fir aig an robh na buill dhubh air an
aodann, nan suidh, agus ge b'è h-aon air bith do 'n tugadh am
paisde an t-ubhall, b'e sin an t-aou a bha gus nighean an righ
fhaotuinn.
Chaidh sin a dheanamh, agus tra chaidh am paisde a chuir a
stigh do 'n t seomar anns an robh na fir, bha sliseag 's dranndan
aig a ghille-charrach 's chaidh am paisde 's thug se an t-ubhall
d'a. Chaidh an sin an t-sliseag 's an dranndan, a thoirt o 'n
gille-charach agus a chuir na shuidh ann an àite eile, agus chaidh
an t-ubhall a thoirt do 'n phàisde a rithis, agus a thoirt a mach
as am t-seomar, 's a chuir a stigh a rithis a sheall cò dh'à a
bheiridh e an t-ubhall, agus fun a bha an t sliseag 's an dranndan
aig a ghille-chai-ach roimh, chaidh am paisde far an robh e a
rithis, s thug se dh à an t-ubhall. An sin fhuair an gille-carach
nighean an righ ri phòsadh.
Agus goirid na dheigh sin bha nighean an righ 's an gille-
carach a ghabhail sràide do Bhaile-cliabh, agus a nuair a bha
iad a dol thairis air drochaid Bhaile-chiabh, dh' fharraid an gille
carach de nighean an righ, cia ainm a bha air an aite sin, agus
dh innis, nighean an righ gun robh drochaidh Baile-cliabh ann an
Eiriiin, agus thubhairt an gille-carach —
" Ma ta is trie a thubhairt mo mhathair riumsa gu am bu e bu
deireadh dhomh a bhith rir mo chrochadh aig drochaid Bhaile-
cliabh an Eirinn, 's rinn i an fhàisineachd sin domh iomadh uair,
tra bhithinn a deanamh phrat oirre."
Agus thubhairt nighean an righ, "Mata mo shauntaich thu fein
crochadh thairis air taobhann an drochaid, cumaidh raise au
àird thu tacan beag le mo napaigean poca."
Agus bha iad ri cainnt 's ri aighear ma deidhinn, ach ma-
dheireadh bha leis a ghille-charach gu 'n deanadh se e, air s on
abhachd, agus thug nighean an righ a mach a neapaigean poca.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence