Skip to main content

‹‹‹ prev (511)

(513) next ›››

(512)
360 AVEST HIGHLAND TALES.
carach a chaidh a' mhuc. Tra fliuair an gille-carach gu 'n deach
iadsan as an t-sealladh, cliuir e gach ni air doigh nach amaiseadh
iadsan air a mhuic. Chaidh an fheadhainn air an robh curam na
muic e agus dh iarr iad i na h-uile rathad anns am bu coltach i
a bhith. An sin tra nach b' urrainn doibh a faotuinu, cha robh
aca air ach dol gu tigh an righ, agus innse mar a thachair.
An sin chaidh comhairle an t-seanaghail a ghabhail a rithisd.
Agus is e a' chomhairle a thug an seanaghal orra, iad a chuir
nan saighdeirean a raach air feadh na duthcha air cheithearnan,
agus cia aite air bith am faigheadh iad muic-f heoil, na cia aite air
bith am faiceadh iad muic-fheoil ; mar b'-urrainn da n fheadhainn
sin, a leigeadh fhaicinn cia mar a fhuair iad a mhuic-fheoil a
bbitheadh aca, gu 'm b' iad siia an fheadhainn a mharbh a mhuc
's a rinn na h-uile cron a chaidh a dheanamh. Chaidh comhairle
an t-seanaghail a ghabhail 's na saighdearan a chur a mach air
cheithearnan air feadh na duthcha, 's bha bhuidht-ann diubh ann
an tigh banntrach an t-saoir far an robh an gille-carach. Thug
banntrach an t-saoir an t-suipeair do na saighdearan, 's bha cuid
do 'n mhuic-fheoil air a deanamh deas doibh, agus bha na saigh-
dearan ag itheadh na mhuic-fheoil, agus ga sàr mholadh. Thuig
an gille-carach cia-dè a bha air an aire, ach cha do leig e air.
Chaidh na saighdearan a chuir a luidh a mach anns an t-sabhal,
agus tra bha iad 'nan cadal, chaidh an gille-carach a mach agus
mharbh se iad. An sin chaidh e cho luath as a b' urrainn da o
thigh gu tigh far an robh na saighdeirean air cheithearnan, agus
chuir e an ceill do mhuinntir nan taighean, gu 'm b' ann a chaidh
na saighdearan a chuir a mach air feagh na duthcha, gu iad a
dh'eiridh air feadh na h-oidhche, agus an sluagh a mharbhadh
anns na leapaichean aca, agus fhuair e a thoirt air muinntir na
duthcha chreidsinn gun do mharbh muinntir gach tighe na bha
do shaighdeirean 'nan carlal anns na sabhailean aca. Agus an
uair nach d' thainig na saighdeirean dachaidh aig an tiom bu
cliòir doibh, chaidh feadhainn a shealltuinn cia-dè a thainig
riutha. Agus tra rainig iadsan is ann a fhuair iad na saighdeirean
marbh anns na saibhlean, far an robh iad 'nan cadal. Agus dh
aicheidli muinntir gach tighe gu 'n robh fios aca cia mar a chaidh
na saighdeirean a chur gu bàs, na cò a rinn e.
Chaidh na daoine a bha ris an i-annsachadh air son nan saigh-
deirean gu tigh an righ, agus dh' innis iad mar a thachair. An
.sin chuir an righ tios air an t-seanaghal, a dh' fhaotuinn comhairle
uaidh. Thainig an seanaghal, agus dhinnis an righ dhà mar a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence