Skip to main content

‹‹‹ prev (506)

(508) next ›››

(507)
SGEULACIID A GHILLE CHARAICH. 355
An ath latha dh' iarr a mhaighistir air a bhuachaille aige e a
dhol ris a mhonadh, 'sea thoirt dachaidh molt, 's gu 'n e ga
leigidh far a dhruim idir, gus gu 'n tigeadh e dachaidh, cia air
bith a chiteadh na a chluinneadh e. Dh' fhalbh am buachaille,
's chaidh e ris a mhonadh, 's fhuair e am molt, 's chaidh aige air
a mholt sin a thoirt dachaidh.
Ghabh an gadaiche-dubh 's an gille-carrach air an aghaidh ri
goid gus gu 'n robh moran airgid aca, agus smuaintich iad gu 'm
b' fhearr doibh dròbh a cheannach, 's dol chum faidhir leo gu'n
creic, agus gu 'n saoileadh feadhainn gu'm b'ann air an dròbh-
aireachd a rinn iad an t-airgiod. Chaidh an dithis agus cheann-
aich iad drobh mor cruidh. Agus chaidh iad a dh' ionnsaidh
faidhir a bha fad air astar leo. Chieic iad an drobh, 's fhuair
iad an t-airgiod air an son, 's dh' fhalbh iad gu dol dachaidh.
Tra a bha iad air an rathad, chunnaic iad croich air mullach cnoic
agus thubhairt an gille-carach ris a' ghadaiche dhubh, " Tiugainn
an àird is gu 'm faic sin a' chroich, tha feadhainn ag ràdh, gur
h-i a' chroich is deireadh do na mòirlich co-dhiubh."
Chaidh iad an àird far an robh a' chroich, 's bha iad a' sealltuinn
ma 'n-cuairt oirre. Thubhairt an gille-carach, ' ' Nach fhaodamaid
fheuchainn cia-dè an seòrsa bàis a tha ann sa' chròchadh, gu 'm
bi fios againn cia-dè a a tha romhainn ma bheirear oirnn ri
gadachd ; feuchaidh mi-fein an toiseach e."
Chuir an gille-carach an cord ma amhaich fein, 's thubhairt e
ris a' ghadaiche-dhubh, "So tarruing an àird mi, 's tra bhitheas
mi sgith gu h-àrd crathaidh mi mo chas'n, 's an sin leig thusa a
nuas mi."
Tharruing an gadaiche-dubh an cord, 's thog e an gille-carach
an àird far an talmhainte, agus aig ceann seal beag chrath an
gille carach a chas'n, 's leig an gadaiche-dubh a nuas e.
Chuir an gille carach an cord far amhaich, 's thubhairt e ris a'
ghadaiche-dhubh, " Cha d' fheuch thu-fhein nl riamh, a tha cho
eibhinn ris a' chrochadh, na 'm feuchadh tu aon uair e cha
bhitheadh eagal ort romh 'n chrochadh tuille, bha mise a crathaidh
mo chasan leis an a' oibhinneas 's chrathadh tusa do chasau leis an
aoibhneas cuideachd na 'm bitheadh tu gu h-ard."
Thuirt an gadaiche dubh, " Feuchaidh mise e cuideachd, 's gu
'm bith fios agam co ris a's coltach e."
"Dean,"orsa gille-carach, " 's tra a bhitheas tu sgith gu h-
ard, dean fead 's leigidh mise an nuas thu."
Chuir an gadaiche-dubh an cord ma amhaich, 's tharruing an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence