Skip to main content

‹‹‹ prev (240)

(242) next ›››

(241)
A MHAIGHDEAN MHAKA. 89
leiim an cii dubh air ciil an fhamhair, 's tharruing am buachaill'
a chlaidheamh 's bha 'n ceann do 'n fhamhair ann am prioba na
sail. Leum e air muin an eich dhuibh, agus chaidh e shealltainn
airson tigh an fhamhair. Ràinig e 'n dorus, agus leis a' chabhaig,
a bha air an fhamhair, dh' fhàg e gach geata 's gach dorus
fosgailte. 'Steach chaidh am buachaille, agus 'sann an sin a bha
'n greadhnachas, or 's airgiod ann am pailteas, 's trusgain dheth
gach seòrsa air am faitheam le or 's airgiod, 's gach ni bu
riomhaiche na cheile. Am beul na h-oidche thug e caisteal an
righ air, aeh cha d' thug e dad air bith leis a tigh an fhamhair ;
agus a nuair a chaidh an crodh a bhleoghan, 's ann an sin a bha
'm baiiine. Fhuair e de bheatha mhaith air an oidhche so, biadh
's deoch gun ghainne, agus bha an righ anabarrach toilichte, gu
'n d' fhuair e greim air a leithid do bhuachaille. Chaidh e air
aghaidh air son ùine air an dòigh so, ach mu dheireadh, dh' fhàs
an gleann lorn do dh' fheur, agus cha robh an t-ionaltradh cho
maith. Ach smaoinich e gun rachadh e air aghaidh beagan ni
b'fhaide a' stigh air coir an fhamhair, agus faiccar pàirce mhòr do
fheur. Thill e airson a chruidh agus cuirear a stigh do 'n
phàirce iad. Cha robh iad ach goirid ag ionaltradh 'sa phàirce,
'nuair a thàinig famhair mòr, fiadhaich, Ian fearg agus corruich
" Hèu ! hò ! hoagraich ! " ars' am famhair, " 'se deoch do d'
fhuil a chaisgeas mo phathadh a nochd." " Cha 'n' eilfios, " ars'
am buachaille, "nach fasa sin a ràdh na dheanamh." Ach na
cheile ghabh na fir, 's ann an sin a bha 'n crathadh lann. Mu
dheireadh thall bha coltas air gu'm faigheadh am famhair
buaidh air a bhuachaille. 'N sin ghlaodh e air a chi\, agus le
aon leum, rug an cù dubh air amhaicli air an fhamhair, 's ghrad
bhuail am buachaille an ceann de.
Chaidh e dhachaidh gle sgith air an oidhche so, ach uu'r
thaing, mar a' robh bainue aig crodh an righ ! 's bha 'n teaglach
air fad co toilichte air sou gun d' fhuair iad a' leithid so do
bhuachaille. Lean e air a bhuachailleachd air an dòigh so re
nine ; ach oidhche 's e air tighinn dhachaidh, an àite do 'n
bhanaraich furan's fàilte 'chur air, 's ann a bha iad air fad ri
cumha 's ri bròn. Dh' fhoighneachd e de 'n t-aobhar bruin a
bha' so an nochd. Thubhairt a bhanarach, gu 'n robh beist
mhòr le tri chinn 'san loch, agus gu 'u robh i ri aon fhaotainn a
h-uile bliadhna, agus gu 'n d' thàinig an erannchur am bliadhna
air nighean an righ, '"s mu mheadhon latha 'màireach, tha i
ri coinneachainn na huile-bhèist aig ceann shuas an loch ; ach tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence