Skip to main content

‹‹‹ prev (229)

(231) next ›››

(230)
'S 'nam l^iodh tus' ann le d' èideadh,
Le d' claidheamh 's le d' sgèithe,
Cha robh laoch anns an Fhèinne
A dheanadh d' fheum air an ceann.
Bha mo ghièidhear-sa làidir,
Bu mhaith gu feum 'us gu stàth e,
Ni b' eòlaich' air àiteach
Mu na bàigh cha robh ann ;
Foghar, geamhradh, 'us cèitein,
Bhiodh tu 'g àrach na sprèidhe,
Bhiodh tu muigh air na slèibhtean,
Air an dèigh anns gach am.
Tigh' nn bho shiubhal an aonaich
'S ann ort fhèin bhiodh an fhaoilte,
Fiamh a' ghàire bhiodh daonnan
Air an aodann gun sgraing.
Bhiodh mo thigh air dheadh chonihdach.
Air dheagh ghreidheadh mo mhòine,
'S mor an call a th' ann dhòmhsa,
Ciu 'n deach am fod air do cheann.
•=^5:^?^
>^^^

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence