Skip to main content

‹‹‹ prev (145)

(147) next ›››

(146)
128
'Nis o'n 's buanna ro dhaor thu,
Tha ri buaireadh nan daoine,
Dol mu 'n cuairt air an t-saoghal,
Chum 'na dh' fhaodas tu ghoid.
Fear ri aithricheas mor thu ;
Fear ri carraid, 's ri còmhstri ;
Fear ri geallam 's cha tòram ;
Thug sud leonadh do d' mheas.
Ni thu 'm poitear 'na striopaich,
'S ni thu striopach na phòitear ;
'S iomadh mile droch codhail,
A tha 'n tòir air a' mhisg.
Caraid.
Ge b' e thionnsgainn, no dh' inndrig,
Air an iunnstramaid rioghail
'S duine grunndail 'na inntinn,
Bha gu h-innleachdach gUc.
Thug bho aobhar gu siol e ;
Thug bho bhraich gu ni 's brìgheil';
Thug a prais 'na cheo Hath e,
Mach troimh chliath nan lub trie.
Thug a buideal gu stop e,
Rinn e 'n t-susbainte comhlath,
Thogadh sligeachan reòta
Far, fir bhreòite gun sgrid.
An donus coinneamh no codhail
No eireachdas mòr-shluaigh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence