Skip to main content

‹‹‹ prev (142)

(144) next ›››

(143)
125
Ni e fosgailt' fear dionach ;
Ni e crosda fear ciallach ;
Ni e tosdach fear briathrach,
Ach am blialutii nach tuig.
Namhaii).
Nach dona mar spors,
A' bhi suidhe mu bhordaibh :
'S a' bhi milleadh mo stòrais,
Le gòraich gun mheas ;
Le siaraich 's le stàplaich ;
Le briathraibh mi ghnàthaicht';
Ri speuradh 's ri sàradh,
An Abharsair dhuibh.
Bi'dh an donus 's an dòlas,
De chonus, 's de chomhstri ;
'S de tharruing air dòrnaibh,
Anns a' chòmhail nach gUc ;
Ri fuathas 's ri sgainneal ;
Ri gruaidhean 'g an prannadh
Le gruagan 'g an tarruing,
Le barrachd de 'n mhisg.
Car AID.
Mo ghaol an gille glan eibhinn,
Dh' fhàs gu cineadail speiseil ;
Dh' fhàs gu spioradail treubhach,
'N uair a dh' eireadh an drip.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence