Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
'N uair chruinnicheas na Gàidheil an làthair troda,
Le 'n geur lannan Spàinnteach 's an deàrsadh chlogad,
Pàighidh iad gu daor ann am fuil 's an gaor,
'S cha bhi bonn gun dioladh de bhlàr Chulfhodair,
Cha 'n'eil urra chaidh a chreachadh no urra chaidh a ghlacadh»
Nach faigh iad luchd am mì-ruin gu 'n rogha dlol thoirt asda.
'N uair chluinneas fir na h-Alba do dhearbh chaismeachd,
Thèid iad gu neo-chearbach fo d' dhealbh bhrataich ;
ì )òmhnullaich bu dual, 's dàine thèid 's an ruaig ;
TàiUearan clo ruaidh ged nach fuaigh, ach strachdadh,
Le 'n cruaidh lannan sgaiteach snaitheadh chluas 'us
chlaigeann,
'S gu 'm bi àireamh cheann air a' h-uile ball 's a' bhreacan.
Gur h-oil leam ar n-eideadh bhi air chaochladh cumaidh,
Ach chi mi bhi 'g a dhloladh mu gheata Lunnainn,
Leis na fleasgaich bhoidheach chluicheas mar na leoghainn,
Chuireas geilt air Deorsa 's nach faod e fuireach,
Theid Righ Deorsa dhachaigh 's am Prionns' òg a ghlacadh,
'S bi Teàrlach 'na Righ 's feàirde prìs nam breacan.
'S ionann 's a' bhi 'm priosan bhi dhlth a' bhreachdain,
Deanamaid urnuigh dhlchiollach 's gheibh sinn taice,
'N uair thig iad a nail oirnn coig ceud mile Frangach,
Bi'dh Teàrlach air an ceann, bi am ball fo 'n casan,
Sud an sluagh beachdail, chuireas an gleo reachd'or,
Armailteach gu leòir, a luaidheas an cloth Catach,
'S 'nuair theid a mhuc a dhathadh 's a cuid uircean fhaileadh,
Air claidheamh no air breacan cha bhi tuilleadh bachdaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence