Skip to main content

‹‹‹ prev (123)

(125) next ›››

(124)
io6
Mu 'n fhine phriseil
Bu mhisneachd righ sibh,
An am dol sios duibh
Sibh cruinn 's a' champ,
'S a sheasadh làidir
Ri aodann Spàintich,
'S nach traoight' 'ur n-àrdan
Gun bhàs nan Gall.
Gur bochd an sgàthan
Bhi triall 'g 'ur n-àrdaich,
Gun ann ach fàsach
'Us làrach lorn,
Na tighean maiseach
Am biodh am pailteas,
An deigh an sgapadh
Gun chloich, gun chrann.
Far 'm biodh a' choisir
Gu miurneach, ceòlmhor,
'S na tighean mora
Bu bhòidheach greann ;
Bi comhlan iir ann
A danns' air iirlar,
A' lionadh bùla*
'S su 'n chumhn' air dram.
* " Bula " is probably a corruption of the Eiig-li
and refers to the old-fashioned punch-bowl.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence