Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
I03
(iu dùthaich an ceannaich sibh
Fearann gur n-àilghios.
Gu diithaich gun ghainne,
Gun chrionadh, gun stannard,
Far an cnuasaich sibh barrachd
'S a mhaireas 'ur làithean,
'S e saighdear glic fearail
'N uair chitheadh e 'm barrachd,
A theicheadh le anani,
'S nach fanadh 's a' làraich.
Seallaibh mu 'n cuairt duibh,
'Us faicibh na h-uaislean,
Gun iochd annt' ri truaghain,
Gun suairceas ri dàimhich ;
'S ann a tha iad am barail,
Nach buin iad do 'n talamh,
'S ged dh 'fhàg iad sibh falamh,
Cha 'n fhaic iad mar chall e.
Chain iad an sealladh
Air gach reachd agus gealladh,
Bha eadar na fearaibh
Thug am fearann bho nàmhaid
Ach innseadh iad dhomhsa,
'N uair theid sibh air fògradh,
Mur caill iad an coir air
Gun dbigh air a thcarnadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence