Skip to main content

‹‹‹ prev (118)

(120) next ›››

(119)
'Na' dh' fhalbh dhe 'n cuid dhaoine,
Thàinig caoirich 'nan aite.
"S lag an sluagh 's gur a faoin iad,
Dol an carraid no 'n caonnaig,
Làn de bhracsaidh 's de chaoile,
'S iad fo dhraoigh 'llle Mhàirtin.
Cha dean smiùradh 'ur saoradh,
'N làthair batail air raontaibh,
No fead cìbeir an aonaich,
Gur e caochladh 'ur n-ànraidh :
'S ged a chruinneacheadh sibh caogad,
Mholt 'us reithichean maola,
'S beag a thogadh a h-aon diu,
Claidheamh faobharrach stàilinn.
Ciod e "m f àth dhomh bhi 'g innse,
Gu 'n d' fhàs sibh cho mìothar,
'S gu "n spothadh sibh frìde,
Far an dìreadh i fàrdain ?
I )h' fhalbh na ceannardan mìleant',
■(; an robh sannt air an fhìrinn,
Agus geall air an dìllsean,
Agus cuing air a' nàmhaid.
Air an tuath bha iad cuimhneach,
'S cha b' ann gus an sgriobadh,
Gu 'm biodh bantraichean 's dìUeachdain,
Dìolta gu saoibhir ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence