Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
91
TALADH IAIN MHUIDEARTAICH.
Mhuire ! 's e mo run mo leanabh,
'S tu mac oighre Mhic-Ic-Ailein,
Ogha 's iar-ogh nan fear fearail,
Chaidh 'ur 'n alia fada 'ga cur.
B' fheàrr leam fein gu 'n cinneadh sud dhuit,
Aois 'us fas 'us àilleachd 'us cruth,
Maise 's feile dh' eireadh iad dhuit.
Taing do 'n Ard-righ thu bhi firionn,
Chum 's gu 'm meudaicheadh tu 'n fhinne,
'S gu 'n biodh tu a' d' spailp air do Chinneadh,
'S an deagh ionad 's am bheil thu 'n diugh.
Bhi gu siobhalt' bhuineadh sud dhuit,
Garg 'us min mar chàirte ri d' uchd,
Pailt 'us rioghail 's aoidheil mu d' chuid.
B' fheàrr leam fhein gu 'n cluinneadh each e
'N uair nach bithinn fhein a làthair,
Iain Muideartach bhi 'na àrmunn,
Air an làrach am bheil e 'n diugh :
'N a cheann tàmha ri tàrmunn puirt,
Anns an àros 'n seinnear a' chruit ;
'S bhiodh do chàirdean mànranach riut.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence