Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
89
Barant de dh' uaislean a' tarruing mu 'n cuairt d' i ;
Gu 'm b' fhearail an diialchas, 'n am buannachd buaidh-
làrach,
Ceathairne ghruamach gun athadh roimh luaidhe,
Dh' fhàgadh gun ghluasad cuirp fhuar anns an arfhaich.
Gur h-iomadh sàr-ghaisgeach, tha urranta smachdail,
A theannadh a steach riut 'n am aisith no cnàmhain ;
Le 'n Spàintichean sgaiteach cho geur ris an ealtainn,
'N am bhualadh nan claignean, gu 'n spealtadh iadcnàmhan:
Gu fireachail aotrom air mhir' anns a' chaonnaig,
Bhiodh fuil air na fraochaibh, mu 'n traoghadh an àrdan,
Le comunn gun chlaonadii gun somaltachd gaoirdean,
'N am lomadh nam faobhar, ri aodann na ncàmhaid.
'N am faicte' Sir Seumas 's gu 'n cuireadh e feum air,
Gur h-iomadh taobh dh' eireadh leis, reiseamaid làidir,
An Alba 's an Eirinn cho deònach le cheile,
O Chluaidh nan long gleusda gu leum e Port-Phàdruig :
Uaislean Chinntire, bu dual da o shinnsir,
(iu 'n rachadh iad sios leis, gun di-chuimhn' gun fhcàilinn,
Gu 'm bi iad cho tidheach 's gu 'n deanadh iad mi-stath,
Mar leoghanna miannach 's gun bhiadh aig an àlach.
Dh' eireadh na Leòdaich, dhèireadh 's bu choir dhoibh,
Dh' eireadh 's bu deònach thaobh eolais 'us càirdeis,
Thigeadh am mor-shluagh, brisg ann an ordugh,
Sgiolta na connspuinn an toiseachadh l)làir iad :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence