Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)

Le pongannan àluinn
A b' fhonnmhoire fàilte,
Thàrr'neadh 'an càileachd
Gu slàinte fear tinn.
Caismeachd bhinn 's i bras dian,
Ni tais' 'us fiamh fhogradh
Gaisg' agus cruadal,
Tha buaidh air an oinsich
Muim' uasal nan Leodach,
'Ga spreodadh le spid.
A bhàirisgeach spòrsail
Bh' aig Tearlach 'ga pogadh
An t-àilleagan ceòlmhor,
Is bòidhche guth cinn.
'i'ha na (iàidheil cho deigheil
Air a mhànran aic' eisdeachd,
'S na th'ann an Dùn-Eideann
De luchd Beuri' air an //
Breac nan dual 's neartmhor fuaim,
Bras an ruaig nàmhaid,
Leis 'm bu cheol leadurra,
Feadannan Spàineach,
Luchd dheiseachan màdair,
Bhi cràidht' air dhroch dhiol.
'Nan cluinnt' ann am Muile
Mar dh' fhàg thu Clann Duilidh,
Cha b' fhuilear leo d' fhuil
Bhi air mullach do chinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence