Skip to main content

‹‹‹ prev (115)

(117) next ›››

(116)
104 TIGHMORA.
Tha treun do mo chinneadh san uaigh ;
Taisg an sin mi suas san oidhche."
Ghluais e gu mall air a' chruaicli ;.
Chunnaic e i'o bhuaireadh an raon,
Garbli dhearrsa a' chòmhraig dol suas
Briseadh mu'n cuairt da gu claon.
Mar lasair an oidhche sa' ghleann
Ag èirigh fada thall san fhraoch,
A nis a' mùchadh fo mhùig a ceann,
A nis a' togail a dearg shruth baoth
'N àm èirigh is aomadh nan gaoth :
Mar sin f hèin a tliachair còmhrag
Sùile Dhearmuid na mòir sgèith.
Roimh shluagh bha ceuma mòr an.Fholdaith
Mar chiar luing air faobhar nan stuadh,
'Nuair a ghluaiseas i mach o dhà Innis
Dol air h-aghairt 's a" tiUeadh air chuan
Measg bhuaireidh an f huair ghairbh rè.
Chunnaic Dearmud le fcirg a thriall ;
Chuir e suas gu 'thrian a neart;
Ach threig e cheumaibh air sliabh ;
Thuit deura o threun nam feart.
Chuir e stoc athar fo f huaim ;
Bhuail e tri chuairt a mhòr sgiath ;
Tri chuairt a ghairm e ceann an t-sluaigh :
Chuala Foldath e shuas, an triath,
Mcasg gàire is fuaim a' chòmhraig.
Chunnaic Foldath le sòlas an treun ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence