Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
100 TIGHMORA. D
Ach cha till thii gu slonuidh, a threin,
Le faoibh o do cheud nàimhdibh."
Thaom Fillean an ruaig thar Eirinn,
Es'a leantuinn ro'threùn fhuaim an raoin.
Ach triath air thriath thuit Mòrbheinn sìos
Fo dhubh f heirg gun chèiU' Fholdaith.
Fada thall air slios nan sliabh
Le tuiUe a's trian de chòmhrag.
Sheas Dearmud an àigh fo ghruaim,
Slol Shelma m' an cuairt a' taomadh.
Bhris Foldath a sgiath fo 'lainn ;
Theich a shluagh gu mall air sliabh.
An sin thuirt an nàmhaid le mòrchuis,
" Tlieich iadsa, a's thòisich nio chliu.
A Mhalthos, gu Cathmor nam mòr ghnìomh,
Cuireadh faire air mòr thonn a' chuaìn;
Air talamh tuitidh nàmhaid treun;
Mu lochan fo bheinn bidh 'uaigh ;
Cha'n èirich fonn mharbh-rann da fèin;
Bidh thanas gun fheum fo ghruaim
An ceò mu lòn cuilceach a' chàthair."
Chuala Malthos an smuainte ciar
A dhearg shùil cur sìos is sàmhach ;
Math 'aithne air mòirchuis an triath' :
Chuir e shealladh mu 'n righ air ard bheinn;
Thionndaidh e an dorchadh a chlèibh
Is bhuail an treun a hmn an còmhrag.
An caol ghleanuan Chlòna fo dhubh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence