Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
8e 'n loseph bha 'san fhasaich E,
Aig iarraidh bhraithrean fein ;
'S dar fhiiair E iad, 'sann chuir iad E
Ann an slochd mar a bheist ;
Thog iad E risd 's reic iad E
Ri ceannaichean nach b'fhiach ;
Cha b'fhad thar sin a chum iad E,
Is reic iad E fo' luach.
'Se craobh na beatba bith-bhuan E,
Tha fas 'am pharas Dhe ;
Ni 'n Spiorad Naomh a phlantaigeadh
'N anama 'phobiiill fein :
'S tha nadur ann gu'n tionndaidh E,
Gach lios 'sam bi E 'fas,
Gu nadur fhein, 'ge maiseach E ;
Thaobh feartain treun a ghras'.
'Se 'n fhior Abhainn chriostail E,
Tha tighinn bho chathair Dhe :
Se tobair feudail lacoib E,
Le'n stialan ban 'us donn ;
'S tha spotain dearg 'us dubh orra,
'S iomadh ni na'n com,
'S dar dh'oladh iad dheth, ghineadh iad,
'S na'm pilltinn bha iad trom.
'Se BuachaiU maith na teaglaich E,
'S cha chaiU E aon de threud ;
Oir cheannach E cho daora iad,
'S phaigh E 'm pris gu leir ;
Oir dh'oibrich E cho firinneach,
'S shaothraich E cho teann,
'S gu'n d'chuir E fallas fola dheth,
A' direadh ris a chrann.
'Se caraid mor na'm peacaich E,
Gu seasamh air an taobh ;
'Se aon Tigh stoir an Athair E ;
Fear uaignidheas na'n naoimh :
'S dar thig iad le 'n cuid athchuinich,
Gu'n dortadh ann na lath'r
Cha toir E dh'ionnsuidh 'n Athair dhiubh,
Ach a mhain a chuid a's fhearr.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence