Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
64
Bha iad buadhar anns na blàraibh,
'S ri àm gàbhaidh cha bu tais iad ;
'S minic bha 'n lannan stàilinn,
Dol troirah àirnean luchd nan casag.
II.
Fhir 'tha fuireach ann an Sruithlath,
'S beag thionnsgainn thu de 'n cheartas,
Mhaoidh thu air na Gàidheil a lèireadh,
'S dh' f heuch thu 'n èididh chur à cleachdadh ;
'N uair streap thu tuille 's àrd,
Dh' aom am fàradh 's dh' fhàg do thaic thu,
'S thuit thu ann an lag a' chlàbair,
Gu bhi màgaran raar chleachd thu.
III.
Thug thu srian do d' theangaidh bheumnaich,
Rinn thu 'geurach' mar ealtuinn ;
Bhris thu cachlaidh 's an deudaich,
Bha cur èis oirre o chainnt ascaoin ;
Theagaisg thu i reir do nàduir,
Labhairt gràinealachd a' pheacaidh ;
'S tha i nis agad gu t-àilghios,
Feuchainn ris na Gài'eil mhaslach'.
IV.
'S tric bha madadh salach, ròmach,
'S fàile doit' dheth chòir na tealaich,
Comhartaich an lag an òtraich,
Oidhche reòta ris a' ghealaich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence